Page 19 of 26

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Wed Jun 30, 2010 10:44 pm
by Seonaidh
Tha mi eòlach air sin 3sel - tha leabhar Simon Taylor agam.

Cha bhiodh, a rèir coltais, 2 ghinideach ann ma bhios Taylor ceart, air sgàth 's gum biodh "Marc", an ciad phàirt, a' comharrachadh "Innis" - cf Beurla "horsemead" an àite "mead of horse". Tha àite eile faisg air - Dalginch - 's dòcha bho "dalg innis", "thornmead". Cha bhi seo ag aontachadh le rudan mar "Margadh na h-Innse" idir!

Am biodh seo ag atharrachadh do bharail?

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Thu Jul 01, 2010 2:32 am
by akerbeltz
Duilich, chan eil mi 'gad thuigs.

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Thu Jul 01, 2010 10:16 pm
by Seonaidh
Mar seo a tha e - a rèir Taylor, chan eil structair coitcheann Ceiltis a th' ann am "Markinch", sin e, coltach ri "Inbhir Nis" no "Ynys Môn" no "Dùn Èideann" no "Caeredin", ach rudeigin nas coltaiche ri structair coitcheann Gearmailtis, m.e. "Bournemouth" no "Karlsøy" no "Edinburgh". Mar "seann duine" an àite "duine sean", "droch shide" an àite "side dhona". A rèir Taylor, thig "Mark" à "marc", a chiallaicheas "each", agus thig "inch" à "innis". Ann an Gàidhlig an-diugh, 's dòcha gum faigh sinn "Innis an Eich" no "Innis nan Each", mar "Háskóli Íslands" an àite "Iceland's University".

Mura bheil "-inch" a' seasamh airson rudeigin san tuiseal ghinideach, 's dòcha gum biodh "Marg Innis" a' fàs na "Mharg Innse" san tuiseal ghinideach. 'S dòcha nach biodh - ach ged nach e ginideach a th' ann an "-inch", "Innis", 's dòcha gum biodh. A bheil seo ag atharrachadh do bharail?

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Fri Jul 02, 2010 1:06 am
by akerbeltz
Chan eil. Tha e ceart nach tachair e ro thric gun dig modifying noun ron modified noun sa Ghàidhlig ach chan eil sin gu diofar an-seo. Bha ceist ann a thaobh comharrachadh an tuisil ghinidich ann an ainmean-àite agus taobh a-muigh na feadhainn aig a bheil leasachain shònraichte mar -bol, -bagh etc aig a bheil foirm ginideach, chan fhaighear ach sèimheachadh sa Ghàidhlig. Sin an riaghailt choitcheann agus bhiodh iongnadh mór orm nam biodh foirm le tuiseal ginideach annasach aig ainm-àite cho annasach 's a tha ann am Marc-innis.

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Fri Jul 02, 2010 8:39 pm
by Seonaidh
Meringue tank airson sin. Smaoinichidh mi air. Agus 's dòcha gum feuch mi beagan rannsachaidh cuideachd.

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Sat Jul 03, 2010 12:15 am
by akerbeltz
'S e do bheatha. 'S e an duilgheadas as motha th' againn nach eil G 'ga bruidhinn tuilleadh san sgìre sin.

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Sat Jul 03, 2010 10:17 pm
by Seonaidh
Uill thà, ach chan eil leis na Fìobhaich bho thùs. 'S dòcha gu bheil faisg air 1,000 duine ann am Fìobha a tha fileanta sa Ghàidhlig bho thùs - ach thàinig iad a-nall à àiteachan mar Leòdhas. A rèir nan cunntasan-sluaigh, tha barrachd daoine a' bruidhinn Gàidhlig ann am Fìobha na tha ann an Siorrachd Peairt is Ceann-Ros. Ach tha bun-sgoil Gàidhlig aig Peairt - agus sruth Gàidhlig ann am Perth Academy - ach chan eil dad sam bith ann am Fìobha.

Mar a thuirt thu, chan eil Gàidhlig sgìreil ann am Fìobha san latha an-diugh. An robh a-chaoidh? 'S ann glè dhoirbh a tha a bhith cinnteach mun sin.

Tha mo shùilean ag iarraidh mearachdan eile fhaicinn - seach an fheadhainn fhìn! Feadhainn oifigeil.

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Mon Jul 26, 2010 4:39 pm
by akerbeltz
Ok, geama ùr, fortan ùr... tha an t-snàith seo air a bhith beagan sàmhach ach gu fortanach, chan eil gainnead de shoidhnichean cearra againn :roll:

Tha seo loma-làn de mhearachdan is rudan eile nach eil math mun chlàr "dà-chànanach" seo:

Image

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Mon Jul 26, 2010 5:10 pm
by Thrissel
Dhan T'saoghal -> dhan t-Saoghal

Turr MhicCuaig -> Tùr MhicCaoig

An t-Slighe gu Eileanan / Open to the Islands - cò dhiubh ma tha?

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Tue Jul 27, 2010 8:14 am
by GunChleoc
Mun cuairt a' bhàigh - tha beàrn a dhìth oirre

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Tue Jul 27, 2010 10:18 am
by akerbeltz
Tha barrachd ann fhathast :)

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Tue Jul 27, 2010 10:43 am
by GunChleoc
lios mhòr - 's e facal boireanta a th' ann

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Tue Jul 27, 2010 12:31 pm
by akerbeltz
A-réir coltais, tha e fireann san sgìre ud, tha sin cgl ma-thà.

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Tue Jul 27, 2010 2:46 pm
by Thrissel
out of the sea (taobh a-muigh na mara) vs aig oir na mara (at the edge of the sea)

Oban was born (rugadh an t-Oban) vs dh'fhàs an t-Òban (Oban grew)

Comann Eachdraidh Liosa Mhòir, 's dòcha?

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Sat Jul 31, 2010 7:55 pm
by akerbeltz
Ok, dé mu dhéidhinn ma-thà?
  • Tha Comann Eachdraidh Lios Mhór cgl, cuimhnichibh gu dig dìreach sèimheachadh air a' chuid as motha dhe na h-ainmean-àite
  • Fosgailte dhan T'Saoghal > dhan t-Saoghal - ceart
  • Tùrr MhicCuaig > Tùr MhicCaoig
  • Mun Cuairt a'Bhàigh > Mun Cuairt a' Bhàigh
Dona gu leòr...