Page 20 of 26
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Aug 01, 2010 12:05 am
by Seonaidh
Agus dè an rud as miosa? Tha sgrìobhadh Beurla ann a tha nas motha na' n sgrìobhadh Gàidhlig.
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Wed Sep 15, 2010 7:13 pm
by Seonaidh
Orb-aits, orb-aits! Feumaidh seo a' bhriosgaid a thoirt...seo rudeigin à làrach-lìon teleg.co.uk, companaidh stèidhichte an Steòrnabhagh a bhios a' craoladh uair de thelebhisein Ghàidhlig gach latha eadar 1800 is 1900, allegedly (cha robh iad a' dèanamh sin a-nochd, uill, cha robh iad aig 1835/1840 co-dhiù). Agus dè an roinn? "Ar Beachd", no, sa Bheurla, "your views". It gets worserer.
(Gàidhlig)
Ar Beachd
Bhi sinn tollichte ar beachdeann fhaighinn mu seirbheis TeleG, neo cal sam biodh co-cheagealte ri cusparan Gaidhlig.
Thuig direach gu duilleag cur fios.
(Beurla)
your views
We would be grateful if you could let us have your views on any issues relating to the TeleG service or Gaelic matters.
Simply go to our contact page to find out ways to get in touch...
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Wed Sep 15, 2010 7:27 pm
by Thrissel
I rather like the idea of "bidh sinn toilichte ar beachdan fhaighinn"... 'S dòcha gum biodh iad toilichte an Gàidhlig fhaighinn cuideachd?

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Wed Sep 15, 2010 8:25 pm
by akerbeltz
Aoibh, tuigidh mi carson (tha an dearbh fhuaimneachadh aig ar is ur aig deireadh an latha) ach tha sin cho dona 's a ghabhas...
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Wed Sep 15, 2010 9:41 pm
by faoileag
OOPS! Aghaidhean dearga ann an Steòrnabhagh an-diugh, tha amharas agam!

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Wed Sep 15, 2010 10:25 pm
by akerbeltz
Cuiridh mi geall gum bi e ann mar sin aig deireadh na bliadhna fhathast...
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Sep 26, 2010 4:22 pm
by akerbeltz
Nist, gus cumail 'nar cuimhne nach iad dìreach an fheadhainn Ghàidhlig a tha dona, seo dhuibh neamhnaid á Sasainn...

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Sep 26, 2010 8:14 pm
by GunChleoc
ò hì.
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Sep 26, 2010 9:35 pm
by Seonaidh
Inntinneach. Nochdadh gu bheil na Sasannaich a' bruidhinn Fraingis is Gearmailtis a-nis - agus sin mi fhìn a' saoilsinn gum bruidhneadh iad Beurla... Chan eil mòran Fraingis agam, ach chì mi mearachdan innte co-dhiù. Chan eil mi cinnteach mun Ghearmailtis idir - cha do dh'ionnsaich mi ach gu leòr airson ceistean simplidh a chur nuair a bha mi sa Ghearmailt agus tha sin air falbh a-nis.
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Sep 26, 2010 11:00 pm
by akerbeltz
LOL tha, ach ghearr mi dheth a' Bheurla air an taobh chlì.
Tha Ghearmailtis dona dona dona...
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Sep 26, 2010 11:11 pm
by faoileag
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Wed Sep 29, 2010 6:11 pm
by GunChleoc
Is toil leam Risheineir - dè fon ghrèin a tha seo?

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Wed Sep 29, 2010 6:18 pm
by akerbeltz
"Risiken ein", saoilidh mi
Ok, geam' ùr fortan ùr... fear gu math simplidh airson garadh ur n-eanchainn

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Oct 10, 2010 2:37 pm
by Seonaidh
Uill, ghan eil "royal" ceart idir, air sgàth 's nach eil "y" sa Ghàidhlig. 'S dòcha gur e "rìoghail" a tha seo: canar gun tèid "gh" chaol fhuaimneachadh mar "y" sa Bheurla agus smathaid nach robh "i" gu leòr ann nuair a thog iad an sanas.
Ach 's ann a tha "i" ri faotainn ann am "mail". Mar as àbhaist, bidh "rìoghail" a' dol air cùlaibh ainmeir ach, ma rinn neach mearachd le smaointinn gur e ainmear a bh' ann an "rìoghail", 's dòcha gun do chuir iad "màl" sa ghinideach, "màil". Ach 's e mearachd a th' ann.
A' chiad phàirt - chan e "royal mail" ach "màl rìoghail", rudeigin mar "king's ransom" sa Bheurla, chreidinn.
O seadh, tha mearach bheag san darna pàirt cuideachd "Bus a Phuist". Ach chan eil ach cromag àrd air chall air culaibh "a".
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Mon Oct 11, 2010 12:13 am
by GunChleoc
Chunnaic mi fear math ach cha robh camara agam: "Sràid" no "Rhathad na' chidhe" mas math mo chuimhne