Page 21 of 26
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Mon Oct 11, 2010 12:00 pm
by akerbeltz
LOL @ GunChleoc
O seadh, tha mearach bheag san darna pàirt cuideachd "Bus a Phuist". Ach chan eil ach cromag àrd air chall air culaibh "a".
Mearachd gu math mór... the/his...
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Mon Oct 11, 2010 8:04 pm
by Seonaidh
"Rhathaid"? Càit' an robh sin, sa Chuimrigh? Rheally!
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Oct 12, 2010 6:28 pm
by GunChleoc
Mo nàire, bha mi airson "rathad" a thypeadh
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Oct 24, 2010 11:00 am
by akerbeltz
Ok, seo dhuibh dealbh eile - cha doir mi iomradh air dé an companaidh 's càit a bheil e ach tha e làn rudeigin ceart gu leòr

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Oct 24, 2010 4:04 pm
by Thrissel
Ionad Aiseig' - le tàthan ach gun asgair: Ionad-aiseig
Clar - le stràc: Clàr
Ach smaoinichinn gum biodh map no plana na b' fheàrr.
You are here / An seo - le tàthan agus le toiseach na h-abairte: Tha sibh an-seo
Chanainnsa gur e "quay" seach "quayside" a tha ann an cidhe ach chan eil fhios 'am dè an canar an àite sin - taobh an cidhe?
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Oct 24, 2010 5:41 pm
by Níall Beag
Uill, tha iad air "aiseag" a' cumail 'sa tuiseal ginideach fiù 's far am bi ainmear eile ás a dheidh.
Also isn't "An t-Òban" invariant because it's a proper noun, so shouldn't change even in genitive position.
(The spurious apostrophe can surely be forgiven on the grounds that genitive slenderisation traditionally involved an added terminal vowel.)
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Oct 24, 2010 5:58 pm
by akerbeltz
Also isn't "An t-Òban" invariant because it's a proper noun, so shouldn't change even in genitive position.
Tha thu cearr a-seo, Néill. Atharraichidh ainmean-àite leis an alt a-réir nan riaghailtean àbhaisteach mar is trice. Mòd an Òbain, Fàilte chun an Òbain, muinntir na h-Eaglaise Brice ...
Ach cumaidh oirbh, tha neamhnaid no dhà ann fhathast.
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Oct 24, 2010 9:57 pm
by Seonaidh
Uill 's e "NO VEHICLE ACCESS TO FERRIES" a' phrìomh mhearachd air sgàth 's nach eil a' Ghàidhlig ann - agus 's dòcha seo an rud as cudromaiche air an sanas. Ann am facail eile, seo eisimpleir eile de "lip service" a dhèanamh don Ghàidhlig: "Och, chan fheumar sin eadar-theangachadh - tha a h-uile duine a' bruidhinn Beurla co-dhiù". 'S e ailis don chànan a th' ann an seo. Mearachd no gun mhearachd, b' fheudar a h-uile nì a bhith sa Ghàidhlig. Co-dhiù:-
Fàilte gu Ionad Aiseig' an Obain - Fàilte gu Ionad Aiseag an Òbain
Clar Ionad Aiseig' an Òbain - Plana Ionad Aiseag an Òbain
An Cidhe - Na Cidheachan
Ionad Aiseig' - Togalach an Ionaid
An seo - Tha sibh an seo
NO VEHICLE ACCESS TO FERRIES - CHAN SEO SLIGHE CHARBADAN CHUN NAN AISEAGAN
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Thu Oct 28, 2010 6:18 pm
by Thrissel
Seonaidh wrote:NO VEHICLE ACCESS TO FERRIES - CHAN SEO SLIGHE CHARBADAN CHUN NAN AISEAGAN
Am faodar
chan seo a chleachdadh an àite
chan e seo sa Ghàidhlig, leithid
no access an àite
there's no access sa Bheurla?
(Cuideachd, am biodh
chan eil slighe charbadan ann... beagan nas fhaisge air an seantans Beurla?)
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Thu Oct 28, 2010 8:10 pm
by akerbeltz
Deagh phuingean, a h-uile duine. Nist... taobh a-muigh gainnead na Gàidhlig air an t-soidhne...
1) Fàilte gu Ionad Aiseig' an Obain
a) Litrichean mòra a-rèir nòs na Beurla hm...
b) Ionad Aiseig' - tha seo gu math inntinneach. Sin na tha iad a' cleachdadh airson Terminal ach, ann an àitichean eile le stràc, rud a bhiodh na b' fhearr. Tha a' chromag aig a dheireadh inntinneach cuideachd. Tha aiseag fireann, a' dol gu aiseig san tuiseal ghinideachd ach tha mòran sa bheachd gur e ainmear boireann a th' ann. Nam b' e ainmear boireann a bhiodh ann, gheibhear tu *aiseige san tuiseal ghinideach ach bhiodh, 's dòcha, a' chromag freagarrach. Ach leis gur e ainmear fireann a th' ann, chan eil feum air idir. Agus stràc air Oban a dhìth.
>>
Fàilte gu ionad-aiseig an Òbain
2) Clar Ionad Aiseig' an Òbain
a) Stràc air clàr
b) Na dearbh rudan a thuirt mi gu h-àrd mu ionad-aiseig.
c) Mar a thuirt sibh, tha "clàr" gòrach airson "map". Mapa no rudeigin mar sin.
>>
Mapa ionad-aiseig an Òbain
3) An cidhe
a) Uel... nì e chùis, 's dòcha ach nam biodh rudeigin na b' fhaisge air a' Bheurla fa-near, rudeigin mar:
>>
Àrainn a' chidhe
4) An seo
a) Aidh, tha sin dìreach... dona.
>>
Tha sibh an(-)seo (GOC no glic...)
5) No Vehicle Access
a) 'S e "gun inntrigeadh" an dòigh as fhearr airson "no access", ma-thà:
>>
Gun inntrigeadh do charbadan
Furasta gu leòr, shaoileadh tu...

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Fri Oct 29, 2010 2:19 pm
by GunChleoc
Bhruidhinn mi ri tè a tha a' fuireach ann an taigh ùr ann an Rathad a' Chidhe agus thuirt i gun robh e ceart anns na h-uile litrichean a fhuair i mu deidhinn. Tha e dìreach neònach nach eil e ceart cho ceart air an sanas

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Fri Oct 29, 2010 6:21 pm
by akerbeltz
Aidh, b' eòlach mo sheanmhair air leisgeulan d' a leithid ;b
Nist, seo neamhnaid o Bhreadhaig, le cead coibhneil Choinnich MhicThom:

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Fri Oct 29, 2010 6:55 pm
by Thrissel
1) 'S ann Èireannach, seach Gàidhlig, a tha ainmean mar O'Connell, O'Hara no O'sda.
2) Thathar stràc ga ionndrainn os cionn "day" ann an "Sons of the Day of Laren".
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Fri Oct 29, 2010 7:17 pm
by GunChleoc
Bha e a' coimhead mar LaLaBrain dhomhsa
Taigh-òsta (no tigh-òsda san t-seann nòs)
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Fri Oct 29, 2010 7:26 pm
by akerbeltz
Bheil thu cur 'nam shùilean gu bheil eanchainn air
LaLa????
@Thrissel:
ag ionndrainn = rudeigin a bu toigh leat a bhith agad, rudeigin a tha do chridhe ag iarraidh (m.e. caraid nach eil ann, do mhàthair...)
a dhìth = rudeigin a bu chòir a bhith ann ach nach eil ann ach as aonais a' mushy stuff (m.e. airgead, òrd...)