Page 23 of 26
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Thu Sep 15, 2011 9:34 am
by An Gobaire
A rèir an Fhaclair ùir airson Riaghaltas Ionadail, 's e "housing" a th' ann an taigheadas, agus tha iad a' cleachdadh togalach airson "property".
Ma thà, agus ma thathar a' gabhail ri sin, 's e Togalaichean Dùthcha/Dùthchail a bhiodh ann.
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Thu Sep 15, 2011 11:42 am
by akerbeltz
Nì sin an gnothach mar eadar-theangachadh facal air an fhacal, ach ciamar a b' urrainn dhuinn dòigh shnasail a lorg na tha e a' ciallachadh a ràdh ann an Gàidhlig gun a bhith cur snaidhm air ar teangannan?
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Thu Sep 15, 2011 2:16 pm
by An Gobaire
Tha fhios a'm, 's rud eile a bhiodh aca nam biodh iad a' smaoineachadh anns a' chànain agus a' dealbhadh ainm gu nàdarra mar sin.
Bhathas a' cleachdadh "taigheadas" airson rudeigin coltach ri "residence" san naoidheamh linn deug. Chunnaic mi e ga chleachdadh ann an leabhar mu Eachdraidh na h-Alba san t-seagh sin.
Mar eisimpleir, "an rìgh na thaigheadas samhraidh" - the king in his summer residence
Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil càil ceàrr air "taigheadas" a bhith ga chleachdadh airson property san t-seagh anns an dealbh agad ge-tà. Tha e a' còrdadh rium nas motha na "togalach".
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Fri Sep 16, 2011 11:23 am
by akerbeltz
Ach dè mu dhèidhinn eadar-theangachadh saor? Can taighean na dùthcha no dachaighean dùthchail?
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Jan 17, 2012 10:45 am
by akerbeltz
Ceart ma-thà, seo dhuibh a' chiad tòimhseachan na bliadhna ... dè fon ghrèin...

6 mearachdan (air a' char as lugha).

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Jan 17, 2012 10:58 am
by GunChleoc
Tòisichidh mise dìreach le aonan dhiubh - tha "Taigh-tasgaidh" a dhìth
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Jan 17, 2012 12:00 pm
by Thrissel
Tha fios gun do mhothaich mise mar a' chiad rud
`Sith an àite
Sìth.
(How do you get a grave above an S anyway? Do you manually paint it there?)
Cuideachd, ceann-litir aig a h-uile facal - fàgamaid sin dha tiotalan òrain pop Ameireaganach

.
Taigh-tasgaidh an Òbain an Cogadh 's an Sìth?
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Jan 17, 2012 1:35 pm
by GunChleoc
Taigh-tasgaidh Cogadh is Sìth an Òbain?
Chan fhaod thu alt + tuiseal ginideach a chleachdadh ach aon àm
Dhomhsa dheth, tha is sìth nas fhasa fuaimneachadh na 's sìth
Cuideachd, tha an t-asgair ceàrr aca: ‘S -> ’s, agus bu chòir do t beag a bhith aca is gun bheàrnan: an t-Òban
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Jan 17, 2012 3:38 pm
by Thrissel
GunChleoc wrote:Dhomhsa dheth, tha is sìth nas fhasa fuaimneachadh na 's sìth
Hmm, bhiodh
Taigh-tasgaidh Cogadh ⁊ Sìth an Òbain na b' fhaisge air an tar-sgrìobhadh Bheurla...
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Wed Jan 18, 2012 9:25 am
by GunChleoc
Bhiodh

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue May 29, 2012 11:45 am
by GunChleoc
Chunnaic mi sanas air an robh: "Feumar cead son a bhith seo." Saoilibh cò air a tha iad a-mach agus dè bha iad airson ràdh ann an da-rìribh?
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Thu May 31, 2012 5:47 pm
by Seonaidh
"One needs permission for to be this", 's dòcha? Smaoin gu bheil "an" a dhìth.
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Thu May 31, 2012 10:55 pm
by faoileag
"You need permission for to be here"? = No unauthorised persons permitted?
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Fri Jun 01, 2012 12:17 am
by akerbeltz
"Feumar cead son a bhith seo."
Well... it's grammatical but rather colloquial for a sign. Reducing /ə vi əNʲ'ʃɔ/ to /ə vi ʃɔ/ is perfectly regular (it goes /əNʲ'ʃɔ/ > /ə'ʃɔ/ and the the /ə/ drops off due to the preceding /i/).
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Fri Jun 01, 2012 9:22 am
by GunChleoc
Bha e caran èibhinn co-dhiù!
And yes, "No unauthorized access" is the English version of the sign.