Page 24 of 26

Re: Ceistean: TYG

Posted: Wed Jul 04, 2012 2:46 pm
by poor_mouse
Tuigidh mise sin gu dearbh, Alasdair; tapadh leat!

Re: Ceistean: TYG

Posted: Thu Jul 26, 2012 8:46 am
by poor_mouse
Leughadh mi "Litir do Luchd-lonnsachaidh" agus mhothaich mi seo:
Tha an teacsa agus faidhle chlaistich de "Litir do Luchd-Ionnsachaidh" le Ruairidh MacIlleathain ri fhaotainn an seo gach feasgair Dihaoine.
Ach (an toiseach)
Am Faclair Beag wrote:faidhle /failə/
fir.
mar sin, nach biodh e ceart gun sèimheachadh?

Agus às dèidh sin, bha mi ga rannsachadh san Fhaclair Bheag agus cha do lorg mi rud sam bith coltach ri "claistich" no "claisteach"...

Fhuair mi a-mach:
  • claisneach - auditory
    claisneachd - hearing
    claisniche - listener
    claistinneach - auditory
a-mhàin (Stòr-Dàta Briathrachais Gàidhlig).

Tha am facal "chlaisteach" a' nochd san eadar-lìon, ged a tha e coltach nach eil "faidhle chlaistich" a tha ann ach san teacsa sin ("Tha an teacsa agus faidhle chlaistich de "Litir do Luchd-Ionnsachaidh"...).

Dè ur beachdan mu dheidhinn nam facal seo?

Re: Ceistean: TYG

Posted: Thu Jul 26, 2012 10:52 am
by AlasdairBochd
Anns na faclairean MacBain agus MacFarlane, sgriobh iad clàisteachd airson hearing.
Chuala mi fhìn claisneachd ann an còmhradh ged-tha.

Re: Ceistean: TYG

Posted: Thu Jul 26, 2012 11:33 am
by akerbeltz
Tha na daoine fàs car mì-chinnteach a thaobh riaghailtean an t-sèimheachaidh eadar ainmearan. Chanainn gun robh an neach sin dhen bheachd gun robh faidhle boireann (tha mì-chinnt a thaobh gnè nam faclan-iasaid gu math cumanta) agus mì-chinnt a thaobh close compound vs compound.

Nam biodh faidhle boireann » faidhle-chlaisneachd ach faidhle claisneachd.

A thaobh claisneachd vs claisteachd, saoilidh mi gu bheil claistinn + eachd » *claistneachd a tha aig bun an dà fhacal ach an uairsin le cuid a dhual-chainntean a' cur às dhan stn air diofar dòighean, cuid stn » sn agus cuid eile stn » st.

Re: Ceistean: TYG

Posted: Thu Jul 26, 2012 2:42 pm
by poor_mouse
Tapadh leibh! Tha mi ga thuigsinn a-nis.

Re: Ceistean: TYG

Posted: Fri Jul 27, 2012 9:29 am
by poor_mouse
Tha cù aig mo charaid Bhiatailidh agus tha Biatailidh a' trèanadh a' choin aige.

Tha Gàidhlig aig a' chù... Uill, tha an cù sin a' tuigsinn (beagan) Gàdhlig ged chan urrainn dha Gàidhlig a bhruidhinn idir.

Dh'innis Biatailidh dhomh gu bheil eòlach iad (esan fhèin agus an cù aige) air an àithne seo: "Bheir dhomh e!" -- "Bring/give me this!"

Ach chan eil fhios agam carson "bheir" a tha an-seo an àite "thior" no "beir"?

Re: Ceistean: TYG

Posted: Fri Jul 27, 2012 11:20 am
by AlasdairBochd
'S e gnoimhar fior mhi-riaghailteach a th' ann.
Bheir mi dhut peann
Thoir dhomh am peann sin.
Thug mi dhut peann.
'S coltach nach eil an aon gnoimhar an sàs, ach tri gnoimhairean eadar-dhealaichte, coltach ri "go" agus "went" an am Beurla. Tha "went" na thràth chaithte air "wend" (an aon fhreumh mar "wenden" sa Ghearmailtis) "to go or wander about" (ged nach eil "wend" ga chleachdadh gu tric sna laithean seo).

Re: Ceistean: TYG

Posted: Fri Jul 27, 2012 2:08 pm
by poor_mouse
Ach 's e tràth teachdail a tha ann an "bheir", nach e?

Mar sin, tha "bheir mi dhut peann" a' ciallachadh "I'll give you a pen".
Agus "Thoir dhomh am peann sin!" -- "Give mi the pen!"

Dè bhios "Bheir dhomh e!" a' ciallachadh ma-thà?
Tha eagal orm nach e modh àithneach a tha ann idir...

Re: Ceistean: TYG

Posted: Fri Jul 27, 2012 10:34 pm
by AlasdairBochd
Chan eil fhios agam air an diofar eadar "bheir dhomh e" agus "thoir dhomh e", ach chanadh mo charaid, aig an robh Gàidhlig bho thùs, ann am Beurla, "you will give me the pen" na àite "give me the pen" agus mar sin, 's coltach gu bheil "bheir dhomh e" nas fheàrr.
A bheil beachd aig duine eile?

Re: Ceistean: TYG

Posted: Sat Jul 28, 2012 11:45 am
by akerbeltz
Bha sin againn roimhe am badeigin. Tha cuid a dhual-chainntean a' cleachdadh bheir mar àithne. Chan e mearachd a tha seo ach "eachdraidh eile". Seo mar a thachair:

tabhair » bhair » fair

Agus chaidh fair a cho-measgachadh air mhearachd le bheir an uairsin.

Re: Ceistean: TYG

Posted: Sat Jul 28, 2012 2:58 pm
by poor_mouse
Tapadh leibh!

Mar sin, tha an dà chuid "Bheir dhomh e!" agus "Thoir dhomh e!" ceart mar an àithne seo, nach eil?

'S dòcha gun do dh'ionnsaich an cù aig mo charaid "Thoir!", agus às dèidh sin dh'ath-ionnsaich e "Bheir!" oir bha cuidegin ag innse do mo charaid nach robh "Thoir!" ceart... :)

Re: Ceistean: TYG

Posted: Mon Jul 30, 2012 7:52 pm
by poor_mouse
Tha mi a' dol air mo shaor-làithean a-màireach agus bidh mi air ais ann an dà sheachdain...

Re: Ceistean: TYG

Posted: Tue Jul 31, 2012 10:32 am
by akerbeltz
An dòchas gun còrd iad riut, turas sàbhailte!

Re: Ceistean: TYG

Posted: Tue Aug 14, 2012 2:21 pm
by poor_mouse
Tapadh leat!

Tha mi air ais a-nis. Bha e sgoinneil gu dearbh a bhidh air falbh, ach tha mi fìor thoilichte mo charaidean fhaicinn an-seo...

Agus seo ceist ùr agam a-rithist: dè bhios sibh ag ràdh ri cat nuair a bhios sibh ag iarraidh air a chasan a thoirt às (get away)?
Mì-fhortanach, chan eil mi cinnteach ciamar a chanar seo eadhan sa Bheurla; nach e "shoo" a tha ann?
Bidh sinne ag ràdh "брысь!" san Ruisis. :)

Re: Ceistean: TYG

Posted: Tue Aug 14, 2012 5:15 pm
by GunChleoc
a bhith air falbh

Chan eil fios agam dè a chanas tu ri cat. Cha chreid mi nach dèan "Thalla!" a chùis.