Tha mi ag ionnsachd focail ùra anns a' Ghearmailtitis tro Gàidhlig agus dealbhan air CD. I'm learning new German words through Gaelic and pictures on a CD.
Uill, a-nis tha mi ag èisteachd ri ceòl...
Nas tràithe rinn mi fiolm goirid Gàidhlig airson Film G. Bha e beachd aig mo charaid agus tha am fiolm uabhasach... Tha e gun ciall agus chan eil Gàidhlig ann!
Cuideachd, cheannaich mi Guitar Hero: 4 air Amazon.co.uk Tha e a' tighinn Dihaoine! Now - music
Earlier - made a short Gaelic film. Friends idea - it's awful. No meaning and no Gaelic!
yellow-ceitidh wrote:Tha mi ag ionnsachd focail ùra anns a' Ghearmailtitis tro Gàidhlig agus dealbhan air CD. I'm learning new German words through Gaelic and pictures on a CD.
na feumaidh wir eine cànan gu tùr neu a thòiseachadh. es gibt uiread de dheutschen bei a bheil gàidhlig.
Chan eil fhios 'am càit' an do chuala thu sin, a bhalaich! 'S e am fear 80GB, agus faodar DVD a choimhead air cuideachd, agus ga cheangal chun eadar-lìon!
Tha mi smaointinn gun do cheannaich còrr is 30 000 e sa chiad 24 uairean nuair a thàinig iad a-mach air fèill.
An Gobaire wrote:Chan eil fhios 'am càit' an do chuala thu sin, a bhalaich! 'S e am fear 80GB, agus faodar DVD a choimhead air cuideachd, agus ga cheangal chun eadar-lìon!
Tha mi smaointinn gun do cheannaich còrr is 30 000 e sa chiad 24 uairean nuair a thàinig iad a-mach air fèill.
Reic am PS3 3,400 an seachdain sa chiad - reicean as mhiosa a-riamh ann an Iapan!
Ach, chunnaic mi gu bheil iad a' reic an 80GB fear a-nis airson an aon cosg den 40GB fear, so 's docha bidh reicean nas fheàrr an seachdain seo!
Chan eil am PS3 a' dèanamh cho math air cuairt an t-saoghal nas mò an-dràst'...
Dìreach? Ueill, tha e soilleir a-nis dè is adhbhar gun robh am fear a cheannaich mise cho saor! 'S dòcha gun robh a' phrìs a bh'aca air ro chosgail, mar sin, ma dh' fhaoidte gun reic iad nas fheàrr a-nis e bhon a leag iad a' phrìs.
Nuair a dh' innis mi do charaid a' phrìs a bh' ann, chuir e iongnadh mòr air!
Tha adhbhar eile 's dòcha nach do reic iad cus ann an Iapan ma-tà. 'S e nach gabh na geamaichean airson PS 2 cluich air PS 3. Co-dhiù no co-dheth, cheannaich mi e, agus Grand Theft Auto 4 na chois. 'S e a' chiad turas a tha mi air seilbh air Games console mar seo a ghabhail!