Page 4 of 26

Posted: Sat Jun 27, 2009 1:46 pm
by Thrissel
akerbeltz wrote:Chan eil feum air an t-ainmear a ghluasadh chun an toisich as dèidh a bhith; gheibh thu dìreach an t-ainmear gnìomhaireach:
Obh obh - mhothaich mi sin mu thráth ('s urrainn dhomh baidhsagail a dràibheadh ach 's fheàrr leam a bhith a' coiseachd) - ach nuair a dh'ionnsachas mi rudeigin neònach/ùr mar seo, tha mi ga chleachdadh ro mhòran. (Same goes for English: my native language doesn't have the present perfect tense (tr***ing it by the simple present), so ever since I learned to use it I've a tendency to use present perfect where simple past should be used, rather than the other way round :priob: ).

Posted: Sat Jun 27, 2009 6:42 pm
by akerbeltz
mhothaich mi sin mu thráth

mhothaich mi dha mu thràth


(\__/)
(='.'=)
(")_(")

Posted: Sat Jun 27, 2009 7:01 pm
by Thrissel
Taing - cha robh fhios agam gu bheilear a' cleachdadh roimhear leis a' ghnìomhair seo.

Posted: Sat Jun 27, 2009 7:43 pm
by akerbeltz
'S e mearachd chumanta a th' ann, na gabh dragh :)

Posted: Wed Jul 15, 2009 1:34 pm
by akerbeltz
Ok, latha ùr, dealbh ùr agus mearachdan ùra 's seann fheadhainn!

Image

Mun cuairt air 4 mearachdan.

Gun èirigh na mearachdan leibh :P

Posted: Wed Jul 15, 2009 6:03 pm
by Thrissel
"dha t' anam", seach "dha t-anam"?
(No eadhon "do t' anam", seach "dha t' anam", oir bu chòir do theacsa air clàr mar sin a bhith glè fhoirmeil?)

Posted: Wed Jul 15, 2009 6:17 pm
by akerbeltz
Aidh, sin mearachd a h-aon. Mas e cainnt fhoirmeil a thathar a' cleachdadh air an t-sanas seo bu chòir do d' anam a bhith ann (tha do do > dha do caran neo fhoirmeil cuideachd). Agus ged a nochdas e, chan eil adhbhar ann d' atharrachadh gu t'. Chan e fuaim analaichte a th' ann.

Air a' char as lugha, tha an tàthan - cearr.

3 air fhàgail. Mar a chanas iad, ge beag e, tha stàth ann!

Posted: Wed Jul 15, 2009 8:04 pm
by GunChleoc
mar chuimhneachan - carson a tha sèimheachadh ann?

Nach canar: cur an àirde?

Posted: Wed Jul 15, 2009 9:21 pm
by Tearlach61
Bu do cheann... seach bu tu ceann

Posted: Wed Jul 15, 2009 9:26 pm
by Seonaidh
Och Ghunch, bha mi a' leughadh rudeigin mu ghràmar Gàidhlig os cionn mìos no dhà agus bha e ag ràdh gun robh sèimheachadh a' leanntainn "mar".

"ceann air cèil"? Chan eil mi a' smaoineachadh gum faodar ginideach a bhith an seo - but what do I ken? Chan eil "head of music and of society" a chaidh a sgrìobhadh ach rudeigin le "air" - "on". Mar a dh'innseas Mìcheal GobharDhubh, 's e Posh Ghàidhlig a th' ann agus chan eil mi cinnteach idir air dè tha mearachd is dè tha highfallutintalk.

Posted: Wed Jul 15, 2009 11:44 pm
by akerbeltz
mar: faodaidh sèimheachadh a bhith ann an cois mar ann an cuid dhe na dual-chainntean, tha sin ceart gu leòr.

an àirde: tha sin ceart, ged a bhios an -e sin a' crìonadh air falbh ann am bruidhinn, bu chòir dha bhith ann an sgrìobhadh foirmeil.

bu tu ceann/bu do cheann: tha an dà dhiubh ceart ach tha diofar ciall air aon seach aon dhiubh. Bu tu ceann comhairle > "you were the head/top/chief/etc of counsel"; bu do cheann > "it was your head". 'S e a' chiad dhiubh seo a bha fa-near dhaibh, chanainn-se.

ceann air cèil: ok, tha dà mhearachd an-seo (no dìreach aon dhiubh...leigibh leam mìneachadh). Sa chiad dol a-mach, bu chòir dà ll a bhith ann, ceann air cèill. 'S e /kʲeːl/ am fuaimneachadh a bhiodh aig cèil agus 's e /kʲeːLʲ/ am fear ceart a th' air. Mearachd litreachaidh a tha seo.

A bharrachd air sin, tha cuid de dh'fhaclan ann a tha a' leumadh eadar an tuiseal ainmearach 's an tuiseal ginideach; uaireannan bidh daoine dìreach tro chèile a thaobh dè am facal bunaiteach. Tachraidh seo gu math tric sna cànain ghaoidhealach. Mar eisimpleir, 's e foirm iolra a tha ann am bliadhna, bhon t-seann tuiseal ainmearach bliadhain. Bidh sin a' tachairt sa Bheurla cuideachd: 's e foirm shingilte a bha ann an cherries (Fraingis Normanach cerise /ʧeriːzə/) ach shaoil na Sasannaich gur e iolra a bh' ann (-s iolra na Beurla) agus thug iad air falbh e > cherry/cherries.

Mar sin dheth, tha cèill ceart no cearr a-rèir do dhual-chainnt agus dè cho rag 's a tha thu a thaobh nam faclan a tha a' leumadh eadar nan tuislean.

Ok, aon mhearachd air fhàgail (uel, a dhà, ach tha an darna fear glè bheag).

Posted: Thu Jul 16, 2009 10:13 am
by neoni
Dòmhnall Iain MhicAoidh

Anns gach gnothach bhiodh cùram ?

Posted: Thu Jul 16, 2009 2:03 pm
by akerbeltz
Glè mhath!

Dòmhnall Iain MacAoidh, aidh, bha an litir mhòr a dhìth. Chan eil feum air an tuiseal ghinideach (Mhic) an-seo ge-tà.

am biodh, tha sinn 'na ghiorrachadh air anns gach gnothach (ann) am biodh cùram. Car coltach ri "far am biodh X".

Tha dà àite bàn eadar gach agus gnothach, sin am fear mu dheireadh!

Posted: Thu Jul 16, 2009 2:32 pm
by neoni
cuin a dh'fheumas tu an ginideach a chleachdadh ann an ainmean?

Posted: Thu Jul 16, 2009 3:09 pm
by Thrissel
Tha mi a'smaoineachadh gu bheil thu a' cleachdadh sin an dèidh an fhacal Clann - "Dòmhnall Iain MacAoidh" ach "Clann MhicAoidh" (no "Clann 'IcAoidh").

Agus nuair a tha rudeigin a' buineadh dhan phearsa, mar "taigh MhicAoidh".

Theagamh gu bheil sin an aon rud? tha mi a' ciallachadh: "Clann MhicAoidh" = "[the] Clan of MacKay"?