Page 5 of 24
Posted: Sun Oct 28, 2007 9:06 pm
by Coinneach Cìr
ceann-feachd wrote:Chì mi sibh bho àm gu àm.
Chì gu dearbh, math d' fhaicinn a-rithist! 
Posted: Thu Nov 01, 2007 7:27 am
by GunChleoc
Fàilte air ais, a Chinn-feachd! Bha sinn gad ionndrainn, agus tha mi toilichte gun d' fhuair thu an àite ùr

Posted: Mon Nov 05, 2007 8:34 am
by Graineag
Halò!
'S mise Channing agus tha mi a' fuireach ann am Portland, OR 'sna Stàitean. Thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh nuair a bha mi san ard sgoil, leis bruidhneadair fileanta bho Glaschu, agus dh'ionnsaich mi mòran Gàidhlig nuair a bha mi aig Sabhal Mòr Ostaig as t-Samhraidh 1998. As dèidh oilthigh, bha mi a' fuireach ann an Iapan airson dhà bliadhna agus cha bhruidhinn mi aon fhacal Gàidhlig ansin.
Tha mi nam oileanach a-rithist agus tha mi a' deanamh MA ann an cànanachas gnìomhaichte aig Portland State University a-nis. 'S toil leam ceòl tradiseanta gu leòr agus seinnim a' phìob mhòr, pìob bheag, agus pìob uilleann. 'S urrainn dhomh Iapanais, Fraingeis, agus beagan Gaeilge a bhruidhinn cuideach.
A' bheil bruidhneadairean no luchd-ionnsachaidh eile ann am Portland air an fhòram seo?
Hello!
My name's Channing and I live in Portland, OR. I began learning Gaelic more than 10 years ago when I was in high school, with the help of a fluent speaker originally from Glasgow, and I learned a lot of Gaelic at Sabhal Mòr Ostaig in the summer of '98. After college, I was in Japan for a couple of years and it's been a very long time since I've spoken any Gaelic at all.
I'm back in school now and doing an MA in applied linguistics at Portland State University. I love Scottish & Irish traditional music and I play Highland pipes, Scottish smallpipes and uilleann pipes. I can speak Japanese, French, and a bit of Irish as well.
Are there any other Gaelic speakers or learners here on this forum from around Portland?
Posted: Mon Nov 05, 2007 10:19 am
by Coinneach Cìr
Graineag wrote:A' bheil bruidhneadairean no luchd-ionnsachaidh eile ann am Portland air an fhòram seo?
Fàilte chridheil oirbh!! Chan eil mi cinnteach ma tha daoine eile sa sgìre agaibh an seo.
A warm welcome to you!! I'm not sure if there are other people in your area here.
Posted: Mon Nov 05, 2007 10:49 am
by Gràisg
Halò agus fàilte chridheil oirbh
Posted: Tue Nov 06, 2007 6:25 am
by Tearlach61
Failt ort a ghrainnig. Tha cuideigin a' fuireach ann an Oregan aig a bheil Gaidhlig. 'S e Eosaph an t-ainm a th'air agus seo agad am blog aige,
http://blogeosaiph.blogspot.com/
Chuck
Posted: Wed Nov 07, 2007 3:03 pm
by GunChleoc
Fàilte bhuamsa cuideachd! Tha mi an dòchas gum bi am fòram seo feumail dhut

Posted: Fri Nov 09, 2007 7:52 pm
by Anna-Ealasaid
Haidh!
Ciamar a tha sibh?
Is mise Anna. Tha mi a Lancashire ach tha mi a fuireach anns an Eilean Sgitheanach an-drasd. Tha mi toilichte gu bheil mi air ais an seo, lorg mi seo an-diugh.
Tioraidh an drasd
Posted: Fri Nov 09, 2007 9:42 pm
by GunChleoc
Halò agus fàilte ort!

Posted: Sat Nov 10, 2007 12:57 am
by Peallaidh
Oidhche mhath. Luchd-ionnsachaidh eile an-seo - le beagan Gàidhlig agam. Is mise Anndra à Dùn Eideann.
Thoisich mi ag ionnsachadh o chionn ghoirid ach chaidh mi gu clasaichean da no tri bliadhnachan air ais. Tha mi 'n dòchas an urrainn dhomh a bhith a' cleachdadh mo Ghàidhlig an-seo.
Tioraidh

Posted: Sat Nov 10, 2007 1:24 am
by neoni
hallo a pheallaidh

Posted: Sat Nov 10, 2007 7:45 am
by GunChleoc
Halò!
'S math faicinn tòrr de mhuinntir ùra an-seo
It's good to see lots of new people here
Posted: Sat Nov 10, 2007 12:28 pm
by Coinneach Cìr
Peallaidh wrote:Is mise Anndra à Dùn Eideann.
Fàilte chridheil oirbh!! Bha mise ann an Dùn Èideann an t-seachdain seo chaidh. 
Posted: Sat Nov 10, 2007 9:43 pm
by Peallaidh
Tapadh leibh airson an fhàilte. Tha mi uabhasach toilichte a bhith an-seo
Coinneach Cìr wrote:Fàilte chridheil oirbh!! Bha mise ann an Dùn Èideann an t-seachdain seo chaidh. 
Dè rinn thu ann an Dùn Eideann? An robh thu air saor-làithean?
Posted: Sun Nov 11, 2007 7:58 am
by Coinneach Cìr
Peallaidh wrote:Dè rinn thu ann an Dùn Eideann? An robh thu air saor-làithean?
Bha mi an sàs sa choinneamh a leanas agus aig taigh mo bhràthair an dèidh làimh;
http://www.foramnagaidhlig.net/foram/viewtopic.php?t=91