Na Gocs? Saoilidh mi nach bu choir monopalaidh a bhith aig duine no buidhean sam bith. Ma bhios mi ga thuigsinn chan eil e a’ cur dragh ormsa ciamar a chaidh a sgriobhadh.
Saoilidh mi gu bheil dà rud ann, ‘Saoghal na Gàidhlig’ agus ‘Saoghal nam buidheann Gàidhlig’. Chan eil e a’ cur dragh sam bith ormsa gu bheil feadhainn a’ togail airgid às an cuid Gàidhlig ach gheibh thu daoine laidir den bheachd cha mhor nach eil spùinneadaran sa h-uile fear no tè aca. Ceart no ceàrr a tha iad, tha iad den bheachd nach eil na buidhnean còmhla riutha.
A-nis, a bheil cùisean taobh a-staigh na biurocrasaidhean beaga Gàidhlig nas miosa na na biurocrasaidhean beurla a thaobh droch rùn msaa? Saoilidh mi nach bi, ach a bheil sinn ann an suidheachadh far a bheil seòrsa ‘laity’ agus ‘priesthood’ againn a thaobh leasachaidh na Gàidhlig, leis a h-uile prìomhachas aig na h-amasan a tha aig na buidhnean oifigeach? A bheil a’ mhòr chuid buailteach a bhith amharasach air biurocrasaidh sam bith, ge b’ e a’ chanain a tha iad a’ cleachdadh san obair làitheal ?
Am bu choir do na buidhnean ud a bhith a’ dèanamh beagan a bharrachd conaltraidh leis a' phoball? Nach bu choir Fòram den leithid seo a bhith air làrach Bòrd na Gàidhlig gus deasbad a thogail air ciamar a tha cuisean a’ dol? Laigse mhòr air làraich Cli cuideach nam bheachdsa!
Co mise? Cha mhòr nach eil fhios aig a h-uile duine ann a sheo, ach saoilidh mi nach eil sin cudromach idir.
Dè a rinn mise airson Ghàidhlig,
Dh’ionnsaich mi i, lol, gu h-ìre.
