Page 7 of 8
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Thu Jan 19, 2012 8:04 pm
by Wilsons-of-Oxford
Tha e gu bith coig uair deug. The e ochd mionaidean leth-cheud an dèidh ceithir uair deug.
It is nearly 15:00. It is 14:58
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Fri Jan 20, 2012 6:23 am
by poor_mouse
Glè mhath! Tha mi toilichte a' faichinn a' chuspair seo a-rithist.
Good! I'm glad to see this topic once more.
Tha sin cairteal as-dèidh deich sa mhadainn an-seo.
It's 10:15 here.
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Fri Jan 20, 2012 11:22 am
by GunChleoc
Tha e leth-cheud is ochd mionaidean an dèidh ..... or: Tha e dà mhionaid gu...
às dèidh
11:21
Tha e aon mhionaid air fhichead às dèidh aon uair deug (seann siostam)
Tha e fichead 's a h-aon mionaidean às dèidh aon uair deug (siostam ùr)
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Fri Jan 20, 2012 11:56 am
by poor_mouse
'S bochd sin:

às dèidh gu dearbh!
A bheil seann siostam ceart? Nach e seann
shiostam?
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Fri Jan 20, 2012 1:05 pm
by horogheallaidh
's e tri mionaidean as dèidh uair a th'ann an seo.
01.03f
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Fri Jan 20, 2012 9:49 pm
by GunChleoc
poor_mouse wrote:A bheil seann siostam ceart? Nach e seann shiostam?
Tha air sàilleabh bacadh air sèimheachadh:
http://akerbeltz.org/index.php?title=Th ... _to_lenite
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Sat Jan 21, 2012 12:07 am
by Thrissel
A rèir coltais, cleachdar an dà chuid:
seann siostam
http://www.google.co.uk/search?num=20&h ... 7l8.4l12l0
seann shiostam
http://www.google.co.uk/search?num=20&h ... 7l8.4l12l0
Ge-tà, "aon air fhichead mionaidean" - nach bu chòir dha sin a bhith "aon mhionaid air fhichead"?
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Sat Jan 21, 2012 10:35 am
by GunChleoc
Bu chòir! Chuir mi gu ceart e.
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Sat Jan 21, 2012 6:25 pm
by poor_mouse
Glè mhath!
Ach chan urrain dhomh lorg dè tha "sàilleabh" a' ciallachadh...
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Sat Jan 21, 2012 6:44 pm
by Thrissel
poor_mouse wrote:Ach chan urrain dhomh lorg dè tha "sàilleabh" a' ciallachadh...
air sàilleabh = because of, an account of
Chì thu
air sàillibh agus
air shàilleabh cuideachd.
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Sun Jan 22, 2012 9:03 am
by poor_mouse
Mòran taing!
Tha "air sàilleibh" ann anns an Fhaclair Bheag; lorg mi e tron "sàillibh" (còmhla ri "sàill" -- salt etc

).
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Sun Jan 22, 2012 9:14 pm
by akerbeltz
Tha an fheadhainn le sèimheachadh cgl ach tha *sàilleabh 'na mhearachd. 'S e an leasachan -(a)ibh (dhen tuiseal tabhartach iolra) a th' ann.
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Sun Jan 22, 2012 10:47 pm
by Thrissel
akerbeltz wrote:Tha an fheadhainn le sèimheachadh cgl ach tha *sàilleabh 'na mhearachd. 'S e an leasachan -(a)ibh (dhen tuiseal tabhartach iolra) a th' ann.
Tuigidh mi sin - ach tuiseal tabhartach iolra de dhè fhacal? Cha do lorg mi
sàilleabh eadhon ann am MacBain.
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Sun Jan 22, 2012 10:55 pm
by akerbeltz
'S e tàille am freumh » tàilleibh/tàilleabh agus an uairsin re-analysis air tàilleibh » air t-sàilleibh » air sàilleibh
Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?
Posted: Mon Jan 23, 2012 7:19 am
by poor_mouse
Bha mi a' smaoineachadh mun leasachan -(a)ibh; glè mhath!
Agus chan eil sin
on salts, ach
on charges, on fees, thanks to ma tha mi a' tuigsinn ceart
