Page 1 of 2

Na h-aiseagan

Posted: Wed Jul 15, 2009 12:36 am
by akerbeltz
Bho làrach a' BBC:
The plan to launch a Sunday ferry service from the Scottish mainland direct to Lewis and Harris has sparked petitions, legal argument and a resignation.

Those opposed to the proposal have been worried that it will bring an end to a way of life on the Western Isles.
http://news.bbc.co.uk/1/hi/scotland/hig ... 149442.stm

Wow, nach bochd ma tha coimhearsnachd (no cuid dheth) a' stèidheachadh dòigh beatha gu lèir air aon ghnàthas creidimh a-mhàin. Nach eil gin eile aca a tha 'gan dèanamh sònraichte... hm leig leam smaoineachadh... chan eil, chan eil càil eile a' bualadh orm a tha sònraichte san àite ud...

Posted: Thu Jul 16, 2009 6:26 pm
by Thrissel

Posted: Sun Jul 26, 2009 11:29 am
by Gràisg
Le Aonghas sa P&J :uisge: :

'Tha aimsir air a bhith againn ann a Leòdhas san t-seachduinn a chaidh seachad a th’air a bhith neònach. Tha uisge air a bhith ann a Steòrnobhagh a bheireadh ort sùil a chumail a-mach gun fhios nach robh bodach le airc a’ tighinn timichioll oiseann a rathaid. Ach cha b’e fear le airc a bh’ann, ach fear le aiseag Sàbaid. Tha e duilich a chreids’ an gamhlas a th’aig daoine dhan an eaglais, agus dhan an t-Sàbaid, gu faic thu agus gun cluinn thu daoine cuir sìos air an eaglais agus air a’ chreidimh Chriosdaidh. Air an dara laimh chanadh an eaglais fhèin nach dùilicheadh tu an corr, carson bu choir càirdeas a bhith eadar an t-saoghal agus an eaglais? Mu tha’n eaglais a’ deanamh a dleasdanas ’s e naimhdeas bu choir a bhith eatorra. Ach an deidh sin, nach dùilicheadh tu rud eigin eadar-dhealaichte air daoine chaidh a thogail ann a seo? No a-rithist ’stocha nach dùilicheadh. Tha e inntinneach cluinntinn cuideachd inneas air a’ chall a rinn an eaglais air daoine – chaneil càil a’ choltas gun rinn i call air muinntir na h-eaglais fhèin, ach gu dearbha thug i droch bhuaidh air na daoine tha na h-aghaidh. '

Tuilleadh an seo:
http://www.pressandjournal.co.uk/Article.aspx/1322375

Posted: Sun Jul 26, 2009 12:56 pm
by akerbeltz
co mehud aca bhiodh duineil gu leor airson seasamh an aghaidh a’ chreidimh Mhuslamach agus canntainn riutha nach fhaodadh iad latha no feill naomh a chumail?
Duh-huh... cò thuirt nach urrainn dha na h-eaglaisich an t-Sàbaid a chumail? Cumaidh iad i seachd làithean san t-seachdainn, mas miann leibh. 'S e an diofar a th' ann eadar Eid nam Muslamach agus an t-Sàbaid nach fheumar Eid a chumail mu iarrar e. Ach cha robh roghadh is taghadh agad leis an t-Sàbaid.

A bharrachd air sin, faigh thusa dearbhair litreachaidh, Aonghais...

Posted: Sun Aug 02, 2009 10:07 am
by Thrissel
Cha robh mi cinnteach, ach tha e coltach gu bheil feadhainn uabhasach fhèin ceart-chreidmheach gu dearbh...

Fàilte don 21mh linn! :chachreid:

Posted: Sun Aug 02, 2009 1:50 pm
by akerbeltz
Haha, tha sin math. B' urrainn dhuinn cumail a-mach, air an aon logic, gun robh cuairt-ghaoth ann air sgàth, can, searmonan an aghaidh nan aiseagan 's pòsadh nan co-sheòrsach.

Cha bhi cinnt gus an tòisich Dia (ma tha fear/tè ann) air blog a sgrìobhadh...

Posted: Sat Nov 21, 2009 8:26 pm
by Thrissel
"Dh' fhoillsich Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' chomairle laghail a tha iad ag ràdh a thug orra seirbheisean Sàbaid a chuir air dòigh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul."

Tuilleadh an-seo.

Posted: Wed Feb 24, 2010 10:49 am
by Thrissel
A-rèir a' BhBC, tha CalMac ag ràdh gun do chleachd barrachd air 10,000 duine is 3,000 càr an t-seirbhis Didòmhnaich sna sia mìosan a tha i ag obair.

BBC: Sunday ferry to Lewis 'popular' says CalMac

Tha an aiste ag ràdh cuideachd gur e sin as coireach gur e Oidhche Shathairne a bhios an oidhche as cudromaiche a' chiad dol a-mach am bliadhna aig Fèis Cheilteach Innse Gall.

Posted: Thu Feb 25, 2010 9:20 am
by Seonaidh
Fu mì-fhortanach, cha bhiodh seirbheis na Sabaid air a bhith feumail dhuinne an-uiridh nuair a bha sinn air ar làithean saora anns na Hearadh is Leòdhas. Carson? Cha robh càr againn, bha sinn a' cleachdach nam busaichean. Agus CHAN EIL BUS SAM BITH DIDÒMHNAICH.

Dè ma dheidhinn, CnES?

Posted: Mon Mar 01, 2010 1:32 am
by GunChleoc
seirbheis na Sàbaid, mura robh thu a' ciallachadh an rud eile ann an dhà-rìribh :priob:

Chan eil e furasta a bhith a' siubhail anns na h-eileanan mura h-eil càr agad :(

Posted: Mon Mar 01, 2010 9:14 pm
by Seonaidh
Ups! Bha fhios agam gum biodh an cleidheamh mòr sin feumail...

Posted: Tue Mar 02, 2010 10:34 am
by GunChleoc
Image :spors:

Re: Na h-aiseagan

Posted: Wed Jan 19, 2011 11:39 pm
by Thrissel
Agus 's e na Hearadh a-nis:

BBC: Iomairt an aghaidh aiseagan Sàbaid
Thuirt Cathraiche an LDOS [Comann Dìon na Sàbaid/Lord's Day Observance Society], an t-Urr. Iain D. Caimbeul, gum bu chòir coimhead ris an Roinn Eòrpa far a bheil bailtean a' dùnadh sìos ri linn "maith nan coimhearsnachdan agus eaconamaidh an àite."
A bheil fios aig duine sam bi dè tha e a' ciallachadh :?:

Re: Na h-aiseagan

Posted: Sat Jan 22, 2011 10:22 pm
by GunChleoc
Chan eil agamsa.

Re: Na h-aiseagan

Posted: Sun Jan 23, 2011 8:21 am
by Gràisg
Nuair a chuir mi seachad beagan ùine ann an Roazhon (Rennes mar a chanas iad sa chànain eile) ann an 2007 b' àbhaist do na bùthan a bhith dùinte air an Sabaid - Dh'fhaodadh tu gâteaux agus aran a cheannaich ge-tà agus bha am 'McDo' fosgailte cuideachd. Saoilidh mi nach robh creideamh air a chùlaibh (gu làidir) co-dhiù, tha amharas agam gur e na h-aonaidhean frangaich a tha air a shon.