Cleachdadh na Gàidhlig san Dachaidh: aithris san Albannach
Posted: Wed Jul 15, 2009 3:58 am
Mhothaich mi air an aithris seo san Albannach mu co-labhairt a th' air a bhith ann mu cleachdadh na Gàidhlig. Seo an ceangal dhan aithris gu lèir:
http://news.scotsman.com/gaelic/Mar-gha ... 5407518.jp
Bha aon rud ann a ghlac m' aire gu mòr leis gu bheil sinne air a bhith deasbad mu dheidhinn: 's e a dh' innse bean Aoghnas Pàdraig Caimbeul, Liondsaidh, boireannach aig nach robh Gàidhlig gu ìre mhòr nuair a thachair i ri Aoghnas.
"Bha e soilleir gu leòr dhòmhsa gum bu chòir dhomh a' chànan agus an dualchas dham buineadh e fhoghlam dhomh fhìn. Cha robh e furasta. Rinn mi e beag air bheag, ceum air cheum, facal air an fhacal, mar a tha mi ga dhèanamh fhathast. Rinn sinn e còmhla."
Mar a mhìnich i, cha robh mòran Gàidhlig aice nuair rugadh Màiri o chionn 16 bliadhna. "Ach rinn i a dìcheall."
Bhruidhinn a nighean Màiri le faireachadh 's le gliocas air cho nàdarra 's a bha e dhi fhèin, dh'a peathraichean 's dh'a bràthair Gàidhlig a bhruidhinn ri càch-a- chèile.
Aon co-dhùnadh 's sin agaibh barrachd cloinn air an talamh aig a bheil Gàidhlig gu nàdarrach. Sin an teachdarachd dhomhsa: gabhaidh sin ri dheanamh agus sin a bu chòir dhuinn brosnachadh: Ar cuid Gàidhlig a chur an sàs gu seachd àraid le ar cloinn.