Page 1 of 1
Comedian David Mitchell slates Gaelic spending
Posted: Sun Jul 19, 2009 12:38 pm
by Gràisg
Cleas ùr aig na nàimhdean no a bheil fìor chunnart ann gu bheil coltas ro tharraingeach don luchd-politaigs air a' ghnotaich a-nis?
From The Sunday Times July 19, 2009
'The Peep Show star who recently unearthed his Celtic lineage says campaign to promote language has been hijacked by politicians'
'In a regular feature of his blog called Soapbox, he said: “I am uneasy about spending too much public money or time on a language which is not now far above the level of a private code.
“Gaelic is still a living language and I hope it stays that way. If I were a parent and I spoke Gaelic, then I would certainly take the opportunity to bring my child up as bilingual because that’s basically like giving them a free language. But I think it would be quite hard to justify Gaelic as a priority language to teach my child or learn myself from scratch.
“I wish Gaelic well and I hope it survives but without absurd levels of politically motivated funding and if it does, it will be all the better for having done so on its own merits as a language and not as curiosity nationalistic statement.”
He added: “By all means let’s make Gaelic available to study and learn, let’s support those who speak it or want to, but we have to keep it in proportion and not be swayed by nationalist politicians who want to use culture as a political weapon.” '
Tuilleadh an seo:
http://www.timesonline.co.uk/tol/news/u ... 719195.ece
Posted: Sun Jul 19, 2009 1:04 pm
by GunChleoc
Mitchell said that while Gaelic would allow you to communicate with 60,000 people, learning Welsh or Hindi would allow you to relate to 600,000 and 600m respectively.
Agus saoil carson a tha a' Chuimris aig 600,000 daoine?
Posted: Sun Jul 19, 2009 1:48 pm
by *Alasdair*
Thachair mi ris air an t-Eilean Sgitheanach anns an Eilean Iarmainn anns a' Chèitean nuair a bha esan a' dèanamh rannsachadh 'son a' phrògram seo. Bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn Gàidhlig agus stuth mar siud agus cha robh rud sam bith dona aige ri ràdh mu deidhinn... ach a-nis tha an fhìrinn a' tighinn a-mach.
Air an t-Eilean Sgitheanach, ann an Slèite fìu 's, nach robh esan a' faicinn gur e Gàidhlig fhathast na cànan coimhearsnaichd (dìreach ge-ta)?
Posted: Sun Jul 19, 2009 2:58 pm
by ArtMacCarmaig
'S dòcha nach robh a' bhideo fhèin cho dona sa tha muinntir an Sunday Times a' cumail a-mach.
http://www.channelflip.com/2009/06/25/d ... ox-gaelic/
Tha cuid de na beachdan a chaidh a-steach fon bhideo gu math inntinneach cuideachd.
Tha mi den bheachd gu bheil Daibhidh chòir aineolach mun chùis, eachdraidh agus maoin na Gàidhlig, ach mar is àbhaist tha an Sunday Times air taghadh a dhèanamh den bhriathrachas a tha freagairt orra fhèin ...
Posted: Sun Jul 19, 2009 5:35 pm
by Seonaidh
Mar a dh'innis Gc, "Agus saoil carson a tha a' Chuimris aig 600,000 daoine?". Tha barrachd daoine a' bruidhinn Cuimris an-diugh (uil, ann an 2001) na bha ann am 1991. Tha fàs ann.
Ach chan eil David Mitchell a' càineadh na Gàidhlig. 'S dòcha gu bheil e ceàrr mun airgead a chosgar air a' Ghàidhlig. Chan ann "ach a-nis tha an fhìrinn a' tighinn a-mach" a tha seo, ach, mar a dh'innseas AMC, 's ann "ach mar is àbhaist tha an Sunday Times air taghadh a dhèanamh den bhriathrachas a tha freagairt orra fhèin" a tha.
An turas mu dheireadh nuair a bha mi ann an Eilean Iarmainn sa bhàr an sin, cha robh ach sinne a' bruidhinn na Gàidhlig. 'S dòcha gun robh i oidhche cham...
Posted: Sun Jul 19, 2009 5:36 pm
by Níall Beag
Well, no offense intended, but if his only experience of pro-Gaelic sentiment was the EI, I can completely see where he got his ideas from. It's a whole world away from a ceilidh in the Vatersay Hall or what-have-you. The people in Vatersay speak it because it's their language, nothing more nothing less, but for average punter in the EI, it's far more of a political matter.
Posted: Sun Jul 19, 2009 7:37 pm
by akerbeltz
Uel, bhon a tha pàrtaidhean againn an an Alba a tha an aghaidh na Gàidhlig agus cuid a tha air a son, 's e ceist phoileataigeach a th' ann gu mì fhortanach. Nam bitheamaid ann an dùthaich far a bheil gach pàrtaidh ag aontachadh gu bheil i airidh air taic is brosnachadh, cha leigeadh i leas a bhith 'na ceist phoileataigeach.
Nach neònach gu bheil e glan soilleir dhan mhòrchuid carson a tha eòin mar an traon, an iolair-uisge no am bustard mòr an cunnart dol à bith (no air dol à bith) - buaidh mac an duine - ach nach eilear a' tuigsinn gum bi cànain a' faighinn bàs air an aon dòigh?
Ach nach eil sinn fhèin coireach as gu ìre ge-tà? Chan fhaca mise gu ruige seo iomairt a bha dìreach airson cur an aghaidh aineolas na mòrchuid. Tha standaichean air Sràid a' Bhochanaich gach deireach na seachdain a' sgaoileadh fios mu chor nam Paileastanach... cuin a chunnaic duine sam bith stand mar sin a' bha a' sgaoileadh fios mun Ghàidhlig 's carson a chrìon i? Stand a sgaoil fios mu FTMG?
Posted: Mon Jul 20, 2009 12:40 pm
by Gràisg
Tha sin ri fhaicinn air duilleagan The Guardian cuideachd Art ach chan urrainn dhut guth a thogail air an làrach ud: 'Comments are now closed on this entry.' Carson a tha sin - nach bu chòir don leithid meadhanan a bhith brosnachadh deasbaid?
http://www.guardian.co.uk/commentisfree ... l-soap-box
Posted: Fri Jul 24, 2009 10:44 pm
by Gràisg
Thuirt Akerbeltz
Ach nach eil sinn fhèin coireach as gu ìre ge-tà? Chan fhaca mise gu ruige seo iomairt a bha dìreach airson cur an aghaidh aineolas na mòrchuid. Tha standaichean air Sràid a' Bhochanaich gach deireach na seachdain a' sgaoileadh fios mu chor nam Paileastanach... cuin a chunnaic duine sam bith stand mar sin a' bha a' sgaoileadh fios mun Ghàidhlig 's carson a chrìon i? Stand a sgaoil fios mu FTMG?
Uill a charaid, chuir sin nam chuimhne sgeulachd goirid a sgrìobh mi (agus tha mi fhathast a sgriobhadh - a bheil fhios agad?) Co-dhiù seo pìos dheth.
Cha robh Erwan sa chafaidh agus chuir sin ioghnadh air Fañch, bha e gu math neònach nach robh e ann aig an am sin feasgar Diciadain. Shuidhe Fañch aig a bhòrd àbhaisteach agus fiù ‘s mus robh cothrom aige dad a ràdh bha glainne leann air a’ bhòrd. Bha cuideigin air pàipear-naidheachd a fhàgail air a’ bhòrd agus thoisich e ga leughadh. Bha e seachad searbh sgìth le dad sam bith a bha ceangailte leis an taghadh cinn-suidhe agus b’ ann air an naoidheamh duilleag a nochd rudeigin a ghlac aire, artaigeal mu dheidhinn Tibet. ‘Tibet nar n-anam agus nar cogais’. Ghluais e sios na paragrafan agus thoisich e ga leughadh:
San dòigh sin bidh an t-Aonadh Eòrpaich nas beartaiche le dùthaich ùr-breith tighinn a-steach. Air a rugadh le toil a’ mhòr chuid a muinntir fhèin tron chòir-bhòtaidh choitcheann. Bidh sin a’ fosgladh, a-rèir cuid, an aon sheòrsa sealladh do iomairtean neo-eisimeileachd eile: às dèidh Montenegro (650,000 neach-còmhnaidh), an turas Kosovo, no an fheadhainn eile a tha fhathast a’ tagairt neo-eisimeileachd ann an ainm deamocrasaidh gu cinnteach, ach cuideachd air sgath ‘s an diofar cultarach, eachdraidheil, cànanach.
‘Mmmm,’ smaoinich Fañch. ‘Tha dùil agam nach bidh an gaisgeach innteachail aona-cànanch a tha seo a’ toirt iomradh idir air àite sam bith taobh a-staigh an Fhraing. Bhiodh iad comasach agus deiseil taic a thoirt do chultair sam bith cho fad ’s nach biodh aca a dh’ aideachadh gu bheil canain eile fhathast a’ cumail a’ dol san Fhraing. Bha iad dall a-muigh agus a-mach.’ Bha aithreachas air gun do thoisich e ga leughadh ach leann e air.
A-rèir nan laghan eadar-nàiseanta a th’ againn an-diugh. Carson a tha a leithid de Sainte Lucie (150,000 neach-còmhnaidh), Kiribati (81,000) Monaco (34,000) neo-eisimeileachd agus nach eil Tibet leis a sia millean neach-còmhnaidh? Cuiribh nur cuimhne gur e talamh, sluagh, cànan rianachd, bratach, airgead, siostam conaltraidh, crìochan stèidhichte, a tha na rudan bunaiteach de dhùthaich neo-eisimeilich. Sin mar a bha e ann an 1950 ann an Tibet. An e air sgath ‘s gu bheil Sina..’
‘Abair thusa gur e ìoranas mòr mòr a bh’ ann an siud’, bha smaointeann Fañch air bhoil a-nis. Bha co-fhaireachdainn aige dhan Tibet agus a h-uile cultair eile a bha fo smachd cultair na bu làidire ach dh’fhaodadh tu ‘Breatainn Beag’ a chuir an àite Tibet agus 1789 a chuir an àite 1950 agus bhiodh an aon suideachadh agad. Bha esan den bheachd gur e cùis-nàire a bh’ ann an 1532 ach ‘s e an t-ar-a-mach fraingis a chuir air dòigh na poileasaidh deachdaireachd-chananach.
...
a h-uile càil a tha sin steidhicte air fèin-eachdraidh a leugh mi sgrìobhte ann an Fhrangais le neach-ionnsachaidh Breatnais.
A bharrachd air sin thuirt Akerbeltz
Nach neònach gu bheil e glan soilleir dhan mhòrchuid carson a tha eòin mar an traon, an iolair-uisge no am bustard mòr an cunnart dol à bith (no air dol à bith) - buaidh mac an duine - ach nach eilear a' tuigsinn gum bi cànain a' faighinn bàs air an aon dòigh?
Eun, no lus no craobh no cànain ri uchd bàis - dè an diofar eadarra? Tha iad uile pàirt den àrainneachd nach eil? A h-uile turas a dh'fhalbhas fear no tè aca , 's e sin mar gum biodh rionnag eile sna speuran ga dhubhadh às.
Posted: Sun Jul 26, 2009 1:09 pm
by Níall Beag
Gràisg wrote:Tha sin ri fhaicinn air duilleagan The Guardian cuideachd Art ach chan urrainn dhut guth a thogail air an làrach ud: 'Comments are now closed on this entry.' Carson a tha sin - nach bu chòir don leithid meadhanan a bhith brosnachadh deasbaid?
No, they just always close the comments after a few days to save themselves having to moderate too many comments....