Page 1 of 1

'BnaG, mar eisimpleir, a chaidh a ghairm, seach a thagadh'

Posted: Mon Jul 27, 2009 8:46 pm
by Gràisg
Colbh APC san WHFP 17/07/09

Seo pìos dheth:


'S chan eil mi dìreach a' bruidhinn air an
raon phoilitigeach mòr, aig ìre nàiseanta, ach
cuideachd air an raon phoilitigeach bheag:
tha strì phoilitigeach ri dhèanamh an sin
cuideachd, gus dèanamh cinnteach nach e
dìreach na h-urrachan mòra ann an saoghal
na Gàidhlig, nach deach a thaghadh gu
poblach le neach sam bith, a tha a' labhairt
air ar son.

Bòrd na Gàidhlig, mar eisimpleir, a chaidh
a ghairm, seach a thaghadh. Cuin, mar
eisimpleir, a bhòt thusa neo mise son buill a'
bhùird a tha gar riochdachadh, agus a tha os
cionn £5m de ar n-airgead? Quango seach
deamocrasaidh, agus mar sin gun chreideas.
'S tha an dearbh rud a cheart cho fìrinneach
mu gach buidheann eile a tha gar
"riochdachadh" anns na h-àirdean: not in my
name, a' bhalaich, mar a thuirt iad mu
Chogadh Iorac.

Posted: Tue Jul 28, 2009 12:14 am
by akerbeltz
Uel, cha bu còir dhuinn bhòtadh airson buidhnean mar sin 'nam bheachd-sa. Feumaidh buidhean mar sin sgilean sònraichte. Faodaidh gach glaoic fon ghrèin seasamh ann an taghadh agus buannachadh ach chan eil sin 'na dhearbhadh gun dèan e/i a' chùis...

Posted: Tue Jul 28, 2009 10:47 am
by Gràisg
'S e deagh phuing a tha sin a charaid. Saoilidh mi gur e ceist a th'ann, 'An urrainn do quango coimhearsnachd a riochdachadh?' An e sin a tha am Bòrd feuchainn ri dhèanmah co-dhiù? No an e dìreach nach eil 'stall' eile ri fhaicinn san fharsaingeachd?

Posted: Tue Jul 28, 2009 2:09 pm
by akerbeltz
Tha ceist nas doimhne ann fhathast... am bu chòir do bhuidheann mar sin a' choimhearsnachd a riochdachadh no dèanamh na tha ri dhèanamh?

Cha bhi a' choimhearsnachd "ceart" fad na tìde. Eisimpleir eile, cha dèid buidhnean mar ùdarrasan na h-àrainneachd a thaghadh a bharrachd agus uaireannan, nì iad rudan a tha math agus feumail an aghaidh beachdan na coimhearsnachd. Cuimhne air na gràineagan? No na losan-leathainn ann an Earra Ghàidheal?

Bha Ùdarras na h-Àrainneachd sna Stàitean a' dìon nam madadh-allaidh an aghaidh bheachdan na mòr-chuid ach rinn iad seo stèidhichte air eòlas agus an aghaidh "faireachdainnean" nan daoine. Chithear an-diugh gun robh iad ceart.

'S e mo phuing a th' ann gu *feum* bòrd cànain a bhith neo eisimeileach gu ìre bho bheachdan nan daoine. Air neo bhiodh iad ris an aon ghnothach 's a tha na pàrtaidhean poileataigeach againn, a' lorg a' mheadhain... agus cha b' ann a chum leas na Gàidhlig a bhiodh sin.

Co mheud Gàidheal sa choimhearsnachd a tha eòlach air ath leasachadh cànain? Co mheud a leugh na h-aithisgean a sgrìobh na Basgaich 's na Cuimrich? Co mheud a bha aig coinneamhan eadar-nàiseanta mòra nan eòlach? Co mheud a rinn rannsachadh air a' chùis seo? Feumaidh iomairt mar seo sgilean agus eòlas...

Chan eil mi ag ràdh gu bheil BnaG foirfichte 's gun lochd no nach b' urrainn dha a bhi na b' fhearr air conaltradh. Ach cha leasaicheadh taghadh a' chùis seo...

Posted: Tue Jul 28, 2009 6:56 pm
by Gràisg
Co mheud Gàidheal sa choimhearsnachd a tha eòlach air ath leasachadh cànain?
Co mheud Gàidheal a leugh Plana Nàiseanta na Gàidhlig?
100? 1,000? 10,000?