Page 1 of 1
Camanachd
Posted: Fri Jul 31, 2009 12:59 pm
by akerbeltz
An ann gu tur tro mheadhan na G a tha seo no dìreach facal no dhà? Barrachd fiosrachaidh aig duine?
http://news.bbc.co.uk/1/hi/scotland/hig ... 177988.stm
Posted: Fri Jul 31, 2009 6:07 pm
by Thrissel
Tha
an aon aiste sa Ghàidhlig ag ràdh :
Dh'fhaodadh pròiseact a tha a' teagasg iomain do chloinn tro mheadhan na Gàidhlig a bhith air a sgaoileadh air feadh na Gàidhealtachd.
'S dòcha nas motha na facal no dhà? Ge-tà, tha e ag ràdh cuideachd:
Thathas an dòchas cuideachd gun ionnsaicheadh barrachd dhaoine an cànan aig an aon àm.
Chan eil e coltach ris "
gu tur tro mheadhan na G" a bharrachd...

Posted: Fri Jul 31, 2009 7:59 pm
by horogheallaidh
chunnaic mi seo cuideachd agus cha robh e uabhasach soilleir idir
anns an aon seantans tha iad a bruidhinn mu dheidhinn gaidhlig a teagasg dhan chlann agus an uair sin dha inbhich - tha mi cinnteach gu bheil ceangal laidir ann eadar iomann agus Gaidhlig, mar an t-eilean sgitheanach agus earra-ghaidheal agus feumaidh gu bheil torr ann a tha an sas anns an t-saoghal an camainn le Gaidhlig cuideachd - mar sin mur eil iadsan deonach airson ag obair tro mheadhan na gaidhlig, co tha?