Page 1 of 1

Seisean chiùil faisg air SMO?

Posted: Mon Aug 17, 2009 5:56 am
by Graineag
Tha ceist eile agam...

A' bheil seisean chiùil no dhà aig taigh seinnse faisg air SMO? Tha cuimhne agam gun robh seisean math ann an Armadail, ach bha sin 10 bliadhna bho chian, 's docha...







I have another question...

Is there a session or two at a pub near SMO? I remember that there was a pretty good session in Armadale, but that was maybe 10 years ago...

Posted: Mon Aug 17, 2009 8:35 pm
by horogheallaidh
B'abhaist seisean math a bhith ann gach seachdainn san Eilean Iarmainn (EI) fhad 's a tha cuimhne 'am.

Bha fear ann san Armadail cuideachd bho am gu am agus gu dearbh tha sgeulachdan ann gu robh fear ann san tigh-osta aig Marions cuideachd air a chidhe :) ach co aig a tha fios na bha dol ann an shin ge ta!!

Posted: Fri Sep 04, 2009 2:44 am
by *Alasdair*
Tha seisean anns an EI gach Diardaoin ma tha mi a' cuimhnicheadh ceart. Chan eil tòrr eile a' dol really.

Tha Blazing Fiddles a' cluich air an 10mh ach chan eil tiocaidean air fhagail.

Posted: Fri Sep 04, 2009 10:05 pm
by Seonaidh
*Alasdair* wrote:Tha Blazing Fiddles a' cluich air an 10mh ach chan eil tiocaidean air fhagail.
Cluiche? Agus bha mi a' smaoineachadh gum b' e dealbh no gnìobh a bh' ann am Blazing Fiddles...'S dòcha gum bi e coltach ri Seamus Hendrix nuair a bha e a' chur teine ris an giotàr aige.

Am bi rudeigin ann 11 no 12, oir bidh mi aig an t-Sabhal an sin?

Posted: Sat Sep 05, 2009 7:41 am
by Tearlach61
Nuair a bha sinne an Sabhal Mòr Ostaig ann an 2007, chaidh sinne dhan Taigh Seinnse an Eilean Iarmainn 's 's e fear dhen àitichean far an d'fhuaireadh Gàidhlig ann gu math furasda. Cha chuireadh e cus iognadh orm nan robh tachartasan Gàidhlig ann.