Page 1 of 2
MoBheurla.com
Posted: Sun Aug 23, 2009 7:37 pm
by Seonaidh
Well, the periodic pilgrimage to that site. The lack of activity is so depressing. Smaoin is it not time to kill it? Dè ur beachdan?
Posted: Mon Aug 24, 2009 9:02 am
by Gràisg
'S bochd sin Sheonaidh, co-dhiù fhada bhon a bha mise ann, chuir e ceann goirt orm dìreach ann a bhith lorg rudeigin a bha a' tachairt air an taobh shòisealta.
Ach saoil am bi fhathast àite ann airson naidheachdan a sgaoileadh am measg luchd-taic na Gàidhlig?
Posted: Tue Aug 25, 2009 7:50 pm
by horogheallaidh
's e ceist mor a th'ann gu dearbh - an rud as fhearr - feumaidh mi-fhin aideachadh nach bithinnsa a tadhal air an larach gu tric idir, fius riamh.
An aite dreach ur coltach ri facebook a chuir air doigh nach biodh e na b'fhearr agus na b'fhasa airson barrachd Gaidhlig a bhi ann air facebook Beurla? Bidh an da chuid ann a-nis agus dh'fhaodadh sibh cumail suas ris na tha na caraidean ris ge be na canan a tha aca. Duilleagan anns a Ghaidhlig airson coinneamhan soisealta - cinnteach airson a h-uile tachartas anns a Ghaidhlig, gum bi cudeigin an cois a tha gu math siubhlach air Fb - carson nach dean iad fhein duilleag Gaidhlig mu dheidhinn an tachartas?
a' togail an iomhaigh de Gaidhlig a-measg saoghal nan Beurla - chan eil cail cearr le sin - na mo bheachdsa

Posted: Thu Sep 17, 2009 3:07 pm
by GunChleoc
Thadhail mi air an dèidh saor-làithean fada is cha robh ach aon teachdaireachd ùr ann anns na buidhnean far a bheil mi nam bhall

Posted: Thu Sep 17, 2009 8:35 pm
by Seonaidh
An ann fhuair thu aon??? Wow, 's e infinity% nas motha na fhuair mise!!!
Posted: Thu Sep 17, 2009 10:26 pm
by deardron
Tha an làrach-lin seo a' coimhead mar chan eil barrachd beachdan ùra aig a luchd-cruthachaidh na aon mhiann gu cruthachadh "roghainne Gàidhlig gu Facebook". 'S e "ca." sa Ghearran a deach i a stèidheachadh, ach chan eil ann càil a dèanamh fhathast.
Neo a bheil mi ro "pèisimeasdaig"?

Posted: Fri Sep 18, 2009 12:10 am
by Gràisg
Saoilidh mi nach eil dòigh furasta ann gus an làrach a dhèanamh nas fhosgailte leis a bhathar bhog a tha an luib an taobh sòisealta. 'S e sin ri ràdh cha bhi daoine buailteach pàirt a ghabhail mur a bheil a h-uile càil ri fhaicinn mus gabh iad ann. Chan ann mar sin a tha e air Facebook GnaA, Abair Thusa agus ann an seo, leis an trì goireasan seo faodaidh tu a h-uile roinn a leughadh gu luath agus gu sgoibalta, ballrachd ann no às.
Posted: Fri Sep 18, 2009 1:19 pm
by faoileag
Gràisg wrote:Saoilidh mi nach eil dòigh furasta ann gus an làrach a dhèanamh nas fhosgailte leis a bhathar bhog a tha an luib an taobh sòisealta. 'S e sin ri ràdh cha bhi daoine buailteach pàirt a ghabhail mur a bheil a h-uile càil ri fhaicinn mus gabh iad ann. Chan ann mar sin a tha e air Facebook GnaA, Abair Thusa agus ann an seo, leis an trì goireasan seo faodaidh tu a h-uile roinn a leughadh gu luath agus gu sgoibalta, ballrachd ann no às.
Sin agaibh e.
'S e sin a bha mise ag ràdh dhaibh fad na h-ùine aig toiseach cuideachd, tro feedback agus puist-d., ach cha tàinig freagairt sam bith thugam.
Is bochd sin - cothrom caillte.
Posted: Fri Sep 18, 2009 1:27 pm
by deardron
Gràisg wrote:air Facebook GnaA, Abair Thusa
GnaA - dè a tha e? 'S e "Gay Nigger Association of America" agus "Greater Nashville Apartment Association" a tha Google ag ràdh, ach cha chreid mi gu bheil Gàidhig aca..

Posted: Fri Sep 18, 2009 3:45 pm
by faoileag
Posted: Fri Oct 02, 2009 9:15 am
by Gràisg
Chuala mi pìos air RnG sa mhadainn seo, saoilidh mi gur e seorsa de relaunch a bh'ann agus amas aca luchd-ionnsachaidh a' tarraing a-steach.
Posted: Fri Oct 02, 2009 7:57 pm
by Seonaidh
Och Ghràisg-i-pùs, feumaidh tu stad a chur air toirt facail English anns na puist agad. Bha mi a' leughadh "saoilidh mi gur e seorsa de relaunch a bh'ann" - ach bha mi ga leughadh mar "saoilidh mi gur e seorsa de reul charbadh a bh'ann" (no na tha agad aig deireadh do phuist)
"Ath-ainmeachaidh mi an làrach lìn seo 'mygaelic.com', agus leig do Dìa beannachd a chur don uile a logaidh a-steach inntese"
Posted: Tue Oct 13, 2009 8:28 pm
by akerbeltz
This time of year is always an exciting one for Gaelic. With voices being exercised, pipes being tuned and kilts being pressed, October becomes a mammoth celebration of all things Gaelic with the Mod! And this year is set to be a special one as the Mod returns back to its hometown of Oban. People from all over the world have been flocking to the town to recognise our fantastic language and take part in some spectacular competitions and ceilidhs. And just when you think it’s all over for another year the Highland Homecoming will be passed the baton to support the Gaelic language for the rest of the month. mygaelic.com will be here to keep you up-to-date with all the latest goings on and keep you in the Gaelic know. If there is anything you think we should know and share with the rest of the world let us know! Send us an e-mail at
info@mygaelic.com and let us know what you are up to!
Bheil sibhse faighinn a leithid de rud ann am Beurla cuideachd?
Posted: Tue Oct 13, 2009 8:51 pm
by deardron
Tha sinn, tha mi dìreach air a fhaighinn.
Posted: Wed Oct 14, 2009 12:31 am
by faoileag
Bidh mise a' faighinn a h-uile rud anns a' Ghàidhlig a-mhain, liosta fhada de thachartasan, fiosrachaidh agus naidheachdan amsaa.
Abair iongnadh!
