'Am fear a chaidh a dhùnadh a-mach á Sabhal Mòr Ostaig'

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

'Am fear a chaidh a dhùnadh a-mach á Sabhal Mòr Ostaig'

Unread post by Gràisg »

Alasdair Caimbeul a-mach air APC:

'AIR mo shlighe dhan Eilean Sgitheanach air 15 Lùnastal cheannaich mi an Scotsman 's dè bha lìonadh duilleag na Gàidhlig ach airtigeal, le dealbh, a' moladh Aonghas Pàdraig Caimbeul. Nuair a ràinig mi SMO bha doras rùm a' BhBC, bhideos, fòn, compiutar etc. glaist son nach fhaigheadh Aonghas Pàdraig Caimbeul a-steach ann. Gach seòmar eile sa cholaiste, mar an ceudna, a bhiodh e a' cleachdadh.
Nis, feumaidh mi aideachadh gur e duine a th' ann an APC (mar a th' aige air fhèin) anns nach eil tlachd idir agam, cha robh riamh. Onghail na praise bige, agus am beachd a th' aig a' ghiomach air a thòin. ...'

Gheibhear tuilleadh an seo:
http://news.scotsman.com/gaelic/Am-fear ... 5600119.jp


.
Tearlach61
Maor
Posts: 206
Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
Location: Juneau
Contact:

Unread post by Tearlach61 »

'S ann mar dràma-sreath a chìthear air an telebheisean. A h-uile dhuine a-mach air a chèile. Ag àmannan, tha e ceart cho math dhut do thost a chumail.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz »

An doir cuideigin gearr chunntas air a' chùis dhomh? Cha robh mi leantainn nan naidheachdan as t-samhradh 's chan eil spùt agam dé na tha air cùlaibh na h-aimhreit seo :?:
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Tha mi 'n dùil gum bi uidheam ghlè chosgail ann an ròinn nam meadhanan. Mura biodh luchd-obraich ann, bhiodh i glaiste gun teagamh sam bith.

Nuair a chì mi "anns nach eil tlachd idir agam", well, says it all really. Seo dithis fhear a' cumail sabaid le facail sna meadhanan agus 's e cuis nàire a th' anntasan airson sin.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Seo ciamar a thòisich cùisean - faic an t-Albannach a-rithist:
http://www.foramnagaidhlig.net/foram/vi ... php?t=1059
gu mì-fhortanch chan eil na sgrìobh APC air a' Phaipear Bheag ri fhaicinn air loidhne.
Mar a thuirt Tearlach. cha mhor nach eil siabann a th'againn a-nis.
Tearlach61
Maor
Posts: 206
Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
Location: Juneau
Contact:

Unread post by Tearlach61 »

'S iongtach gun do nochd e idir ann san Albannach. Feumaidh nach eil Gàidhlig aig an deasaiche thall ann an sin.
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Innnneach. So, if I wrote for t'Scotsman and stuck in something like "'S e tòrr cur-a-mach a' chat a th' anns an Albannach", it would get printed? Smaoin...
Graineag
Posts: 15
Joined: Sun Nov 04, 2007 11:38 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Portland, OR

Unread post by Graineag »

Uill, tha mi a' dèanamh Ìre 7 comhla ri Alasdair "a' bhocsair" an t-seachdain seo, agus tha e dìreach gasda 's spòrsail 'san seomar-teagasg... Ach, cha do dh'innis dhà gun do cheannaich mi "Tilleadh Dhachaigh" le APC bho 'm bùth na colaiste...
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Abair thusa gur e duilleag trang a tha ri fhaicinn air an Albannach - 23 freagairtean gu ruige seo:
http://news.scotsman.com/gaelic/Am-fear ... jp#4388336
Post Reply