Page 1 of 1

Ionad mòr a thogail ann an Inbhir Nis airson na buidhnean G

Posted: Mon Aug 31, 2009 1:02 am
by Gràisg
'Tha Bòrd na Gàidhlig air sgrùdadh òrdachadh feuch an gabh ionad mòr a thogail ann an Inbhir Nis fon deadh na buidhnean Gàidhlig uile còmhla. '

'Tha co-dhiù dà làrach ann an Inbhir Nis a dh'fhaodadh a bhith freagarrach - tè ri taobh na bun-sgoile Gàidhlig, agus tèile air fearann far a bheilear airson togalach ùr OGE a thogail aig Beechwood. '


http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... chub.shtml

Dè mu dheidhinn seann togalach taobh a-staigh a' bhaile? Bheireadh sin cothrom gus aonad sòisealta a chur air dòigh le cultarlann?
Tha Woolies fhathast falamh! Saoilidh mi gu bheil cunnart ann nan robh a h-uile càil suas aig Beechwood no aig a' bhun-sgoile: 'out of sight out of mind?'

Posted: Mon Aug 31, 2009 8:24 pm
by horogheallaidh
deagh bheachd a ghraisg - ma bha e ann teas meadhon a bhaile, bhiodh e gu math handy airson cuisean soisealta gu dearbh :)

Sin an cunnart mu dheidhinn beechwood agus BSGI - tha iad fada ro fada air falbh bhon na tachartasan a tha dol air adhart anns a bhaile

Posted: Mon Aug 31, 2009 10:04 pm
by Each
Tha seo a tighin gu barr a nis air sgaths gu bheil impis mhor ann son ionad chloinne a thogail.

Tha aireamhan a sreapadh gu math mor anns an BSGI agus cha bith rum gu leor son clann fo-sgoil anns an BSGI gun ionad ur a togail.

Ach cha teid aca ri airgid a thogail son ionad curam chloinne a mhain a thogail agus mar sin, thainig ionad mhor son bhuidnean G san amharc.

Chan eil moran uine aca son an ionad a steidheachadh, bith feum mhor ann ro 2012.

Airson teaghlaichean, tha feum mhor son an ionad chloinne a dol ceangailte ris an BSGI. Cha chreid gum bith campus UHI nas faide air adhart a staigh coig bhlidhna co-dhui.

Chan eil air fhagail ach taigh no dha son Gaidheal agus teid am baile ur Fionlaigh a steidheachadh cuideachd.