Page 1 of 1

Pròiseact Nan Ealan

Posted: Sun Nov 25, 2007 7:28 am
by GunChleoc
Dh'fhuair mi an làrach-lìn seo: http://www.gaelic-arts.com/

Tha naidheachdan air ealan Gàidhlig ann.
’S e Pròiseact nan Ealan (PNE) buidheann leasachaidh nàiseanta nan ealan Ghàidhlig an Alba.

Stèidhichte ann an 1987, ’s e companaidh earranta neo-phrothaid (àireamh companaidh: SCO166105) agus buidheann carthannais clàraichte (àireamh carthannais: SCO24912) a tha ann am PNE. Aig an àm seo tha PNE a' fastadh 7 luchd-obrach làn-ùine, a tha a' faighinn taic airson pròiseactan sònraichte bho luchd-obrach neo-cheangailte agus saor-thoileach ma bhios feum aca air.

Tha am buidheann air a stiùireadh le bòrd stiùiridh air a bheil uallach airson co-dhùnaidhean aig ìre àrd a dhèanamh agus stiùireadh iomlan na buidhne a riaghladh. ’S e amas PNE gur e am buidheann ro-innleachdach airson leasachadh nan ealan Ghàidhlig agus gum bi e dìoghrasach mu bhith ag adhartachadh cho cudromach ’s a tha cànan agus cultar na Gàidhlig ann an Alba ùr, beothail agus misneachail.

Tha sinn stèidhichte ann an Steòrnabhagh an Eilean Leòdhais, agus ged a tha a' mhòr-chuid raon-dleastanais againn stèidhichte an Alba, tha ar n-obair gu tric gar toirt nas fhaide air falbh gu dùthchannan eile san Roinn Eòrpa, Canada agus na Stàitean Aonaichte. Tha iomairtean PNE air iomadh duais a chosnadh thar nan 10 bliadhna mu dheireadh.

Re: Pròiseact Nan Ealan

Posted: Sun Nov 25, 2007 10:54 am
by Coinneach Cìr
GunChleoc wrote:Dh'fhuair mi an làrach-lìn seo:
Fhuair :priob:

Posted: Sun Nov 25, 2007 3:18 pm
by GunChleoc
:mhoire: Tapadh leat!