Page 1 of 1

Duail chainnt Mhuile?

Posted: Wed Sep 09, 2009 2:28 am
by Neas Olc
Chan eil mi cinnteach ma s'e an àite ceart a th'ann an seo, ach bheil fios aig duine sam bith càit am b'urrainn dhomh fiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn an duail chainnt ann am Muile? Air sgath's gun tàinig mo thealach às, bu toil leam tèirinn chun an duail chainnt sin, ma tha e comasach. Tapadh leibh!

Posted: Thu Sep 10, 2009 7:34 am
by Seonaidh
Chneliosm. Tha agad ri faighneachd ri "Mad Mullah"...

Posted: Thu Sep 10, 2009 4:12 pm
by Neas Olc
Cò bhiodh sin gu direach?

Posted: Thu Sep 10, 2009 11:11 pm
by Seonaidh
...mar a chanas sna Stàitean Aonaichte, "tourist".

Posted: Sat Sep 12, 2009 6:00 pm
by akerbeltz
Chan eil ann ach an aon leabhar a tha a' toirt iomradh gu sònraichte air Gàidhlig Mhuile agus sin Edward Lhuys sa bhliadhna 1699-1700 (ann an Edward Lhuyd in the Scottish Highlands, Campbell & Thomson, Clarendon Press 1963).

A bharrachd air sin, dìreach na tha san Survey of Scottish Gaelic Dialects.

Posted: Thu Sep 17, 2009 7:30 pm
by horogheallaidh
its not much - but it might be a starter for six :)

http://www.smo.uhi.ac.uk/~sm99gg00/

Posted: Sat Sep 19, 2009 9:24 pm
by Neas Olc
OK tapadh leibh airson ur cuideachadh, tha am pàirt seo:
http://www.smo.uhi.ac.uk/~sm99gg00/abai ... hainnt.htm
...nas innteanaiche- chanainn gu bheil an duail chainnt beagan nas coltaiche ri Ghàidhlig Mhannainn ("gura math agad", "abair' an àite "can" etc).

Posted: Sat Sep 19, 2009 11:02 pm
by akerbeltz
Uel, chan e rud Muileach fhéin a th' ann an cleachdadh abair is gun robh math agad. Tha sin cumanta sna dual-chainntean deasach san fharsaingeachd.