Page 1 of 1
Òran ùr a bhuannach an co-fharpais Rapal
Posted: Fri Sep 25, 2009 12:50 pm
by *Alasdair*
Niteworks le "Nam Aonar Sa Fonn"
Tha an t-òran seo dha-rirbh math agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil feum ann 'son barrachd ceòl sa Ghàidhlig mar seo.
Cuideachd, tha an drumair (?) aig an t-Sabhail am-bliadhna.
Posted: Fri Oct 16, 2009 3:32 am
by Neas Olc
Chan eil e ri fhaighinn ann an mo dhùthaich, à rèir an laraich.
Posted: Fri Oct 16, 2009 7:57 am
by Níall Beag
Cha eil mi air smaointinn air riamh, ach 's docha gu bheil an "electro revival" na rud math airson na Gàidhlig. Ann iomadach doighean, tha e nas fhasa electro a dheanamh na stuth a-custaeg.
(Note that I'm not suggesting there isn't a skill to good electronic music, it's more there's a logistical limitation lifted, in that one or two people can do the whole thing.)
Posted: Fri Oct 16, 2009 8:08 am
by GunChleoc
Neas Olc wrote:Chan eil e ri fhaighinn ann an mo dhùthaich, à rèir an laraich.
Tha e air iPlayer is chan fhaighear e ach anns an Rìoghachd Aonaichte
Posted: Fri Oct 16, 2009 8:58 am
by Gràisg
'S e sin rudeigin airson muinntir leasachaidh na Gaidhlig a chur ceart? Cuir air mobheurla.com a leithid sin - nan ghabhadh sin a dhèanamh leis a' bhathar-bog a th'aca?
If there is anything you think we should know and share with the rest of the world let us know!
Posted: Fri Oct 16, 2009 9:15 am
by GunChleoc
Mura faigh iad faidhlichean dìreach bhon chòmhlan-chiùil, saoilidh mi nach b' urrain dhaibh ach cheangal a chur ris a' phrògam air iPlayer - licensing issues agus a h-uile càil a tha seo

Posted: Fri Oct 16, 2009 8:23 pm
by Seonaidh
Ay lad, bring on back the Auld Days, when electronic music was performed by entire orchestras wi choirs...
Ma tha an drumaire aig an t-Sabhal am-bliadhna, cuin a bhios e no i a' dèanamh na cùrsaichean aig/ce?
MoChreach.com wrote:If there is anything you think we should know and share with the rest of the world let us know!
Uill, tha - tha rudeigin a smaoineas mi gum bu choir leibh a bhith fios agaibh air agus a riarachadh - Gàidhlig...
Posted: Sat Oct 17, 2009 12:14 am
by horogheallaidh
bhuannaich an comhlan seo a chiad duais aig farpais 'open mike' o chionn greis aig an fheis Blas san inbhir nis an seo. Bha iad gle mhath, feumaidh mi radh agus chan eil cail cearr le fuaim no stoidhle eile an aite an t-seann stoidhle no tradisean - feumaidh mi radh gu bheil mi e' toirt suil air a phrogram a Mhoid an drasta agus air sgath 's nach eil mi measail air coisirean 's na leithid, the e air leth tioram - carson nach bu choir dhuinn a bhith a smaoineachadh air ceol ur agus a rad tioraidho dhan a mhoid?
Posted: Sat Oct 17, 2009 7:55 am
by GunChleoc
Bhiodh e fìor mhath barrach ceòl ùr fhaighinn, ged a tha an ceòl eile a' còrdadh rium cuideachd.
Posted: Sat Oct 17, 2009 1:01 pm
by *Alasdair*
horogheallaidh wrote:bhuannaich an comhlan seo a chiad duais aig farpais 'open mike' o chionn greis aig an fheis Blas san inbhir nis an seo. Bha iad gle mhath, feumaidh mi radh agus chan eil cail cearr le fuaim no stoidhle eile an aite an t-seann stoidhle no tradisean - feumaidh mi radh gu bheil mi e' toirt suil air a phrogram a Mhoid an drasta agus air sgath 's nach eil mi measail air coisirean 's na leithid, the e air leth tioram - carson nach bu choir dhuinn a bhith a smaoineachadh air ceol ur agus a rad tioraidho dhan a mhoid?
Chan eil mi son "tioraidh" ag ràdh dhan a' Mhoid ach dè mu dheidhinn a' cur roinn ann 'son Nos-ùr? No Mòd gu tur eadar-dhealaichte dìreach 'son Nos-ùr?
Chòrd e rium a-raoir a bhith a' coimhead air na coisirean - bha iad glè bha agus 's e seinneadairean matha a th' annta uile.
Posted: Sat Oct 24, 2009 4:19 pm
by Níall Beag
Neas Olc wrote:Chan eil e ri fhaighinn ann an mo dhùthaich, à rèir an laraich.
Tha duileag ceòl MySpace aig a' chomhlan cuideachd:
http://www.myspace.com/niteworked
Two songs (Nam Aonar Sa Fonn and a cover of Chi mi 'n Geamhraidh) and one instrumental are included on the music player.