Page 1 of 1

Celtic Connections 2008

Posted: Fri Nov 30, 2007 9:52 am
by GunChleoc
Bu thoil leam bidh ann...
Gàidhlig gu leòr aig Celtic Connections
ISEABAIL T NICDHÒMHNAILL

EADAR 16 Faoilleach agus 3 Gearran bidh Celtic Connections (a' 15mh fèis on a thòisich e) a' tarraing mòran luchd turais a Ghlaschu a dh'èisteachd ri còrr is 300 cuirm agus cèilidh.

Chuir Dòmhnall Seathach, an stiùiriche, prògram fìor inntinneach ri chèile le ceòl o iomadh ceàrn dhen t-saoghal: Baaba Maal á Senegal, mar eisimpleir, agus cuirm chòisirean anns am bi còisirean on Eadailt 's á Bulgàiria, am measg eile.

Cluinnear son a' chiad uair riamh Ben Dorain, pìos ciùil ùr le Raghnall Stevenson, air a chluichd leis a' BhBC Scottish Symphony Orchestra. Se bàrdachd Dhonnchaidh Bhàin a dhùisg e 'na mhac-meanmna.

Tha mòran ann cuideachd o luchd ciùil na Gàidhlig. Bidh consart ann, "Ùrachadh", le ceòl agus òrain o Dhùthaich MhicAoidh, 's fear le ceòl agus òrain á Leòdhas 's na Hearadh. Bidh iomadh seinneadair ainmeil Gàidhlig ri chluinntinn: Julie Fowlis, Donnie Rothach, Cairistìona Primrose, Mairead Stiùbhart, Griogair Labhruidh, Màiri Nic a' Ghobhainn, Jenna Chuimeanach, Anna Latharna NicIllÌosa, Seumas Greumach, Ceana Chaimbeul, Màiri Anna NicUalraig, Gillebrìde MacIlleMhaoil, agus Iseabail NicAsgaill. Cluinnear cuideachd Bodega, Dàimh agus Na Seòid - còmhlan de dh'fhir a tha uile air sàr chliù a chosnadh a' seinn 'nan aonar.

Bidh consart ann de cheòl na clàrsaich, Harp Heaven, far an cluinnear Corrina Hewat, Patsy Seddon, Catrìona NicAoidh agus Rachel Hair. Se Accordion Hell a th' air an fhreagairt aig luchd a' bhogsa dhaibh, 's le leithid Phil Choineagain, Angus Lyon agus Sandy Brechin a' gabhail pàirt, tha a h-uile coltas gum bi deagh oidhche ann.

Tha tuilleadh fiosrachaidh aig http://www.celticconnections.com.
http://news.scotsman.com/gaelic.cfm?id=1845802007

Posted: Mon Dec 10, 2007 11:35 pm
by Coinneach Cìr
Tha mi cinnteach gum bi e math. Ma bhios mi ann cuiridh mi dealbhan thugad :D

Posted: Tue Dec 11, 2007 8:49 am
by GunChleoc
Chan eil mi farmadach ann an dòigh sam bith :farmad:

Biodh e math dealbhan fhaicinn :D

Posted: Tue Dec 11, 2007 12:00 pm
by Fear Gallta
Tha mi airson Moving Hearts fhaicinn aig Talla-ciùil Rìoghail Ghlaschu.