Page 1 of 1

Carson a tha na cànain a' crìonadh?

Posted: Fri Oct 16, 2009 8:17 pm
by *Alasdair*
Gàidhlig, a' Chuimris, Breatanis? A' coimhead air rannsachadh agus figearan bho na cunntansan-sluaigh, tha e soilleir gu bheil trioblaid mhòr ann. Ged a tha tòrr clann a' togail Gàidhlig is a' Chuimris san sgoil chan eil ach glè bheag anns an roinn 16-24 gan cleachdadh no gan cumail.

[Tha na ceudachdan a' sealltainn co mheud % de luchd-labhairt na Gàidhlig a tha nan clann no eadar 16 is 24]
Clann le Gàidhlig ann an 71: 12% | Daoine eadar 16 is 24 le Gàidhlig ann an 71: 8%
Clann le Gàidhlig ann an 91: 10% | Daoine eadar 16 is 24 le Gàidhlig ann an 91: 9%
Clann le Gàidhlig ann an 01: 13% | Daoine eadar 16 is 24 le Gàidhlig ann an 01: 8%

'S urrainn dhut ag ràdh nach eil a' Chuimris a' crìochnachadh air sgàth gu bheil barrachd luchd-labhairt ann a-nis na bha ann an 1991. Ach...

[Tha na ceudachdan a' sealltainn co mheud % de luchd-labhairt na Cuimris a tha nan clann no eadar 16 is 24]
Clann le Cuimris ann an 71: 14% | Daoine eadar 16 is 24 le Cuimris ann an 71: 9%
Clann le Cuimris ann an 91: 22% | Daoine eadar 16 is 24 le Cuimris ann an 91: 10%
Clann le Cuimris ann an 01: 32% | Daoine eadar 16 is 24 le Cuimris ann an 01: 11%
So, mar a chì sibh tha gu leòr clann ag ionnsachadh na cànain fo aois 15, ach dè na tha tachairt nuair a ruigeas iad 16? A bheil na cànain dìreach a' fagail na cinn? Carson nach eil àrdachadh ann an roinn 16-24, a bharrachd air 2%?

A bharrachd air seo, a dh' aindeoin na Gàidhlig, tha na h-àireamhan air a bhith a' dol sìos anns gach roinn eile as dèidh 3-15 gach deich bliadhna cuideachd. Tha e soilleir gu bheil rudeigin a' dol ceàrr ann an àiteigin - an e foghlam a tha coireach?

Posted: Fri Oct 16, 2009 9:02 pm
by Gràisg
Gu mì-fhortanach taobh a-muigh foghlam làn-ùine no obair aig na quangos Gàidhlig chan eil mòran àiteachan ann gus do chuid chanain a chur an gnìomh. An ann mar sin nach eil iad a’ faireachdainn fileanta aon uair ‘s gun do dh’ fhàg iad na sgoiltean?

Posted: Sat Oct 17, 2009 12:26 am
by akerbeltz
Amen, a Ghràisg... an làn fhìrinn a th' agad a-sin. Tha sinn a' cur cus cudroim air G am measg na cloinne agus chan ann gu leòr air cothroman cleachdaidh taobh a-muigh nan sgoiltean. Tha e cho simplidh ri sin.