Page 1 of 1

Fraingis tron Ghàidhlig

Posted: Thu Oct 22, 2009 4:28 pm
by *Alasdair*
Tha mi air làraich-lìn a dhèanamh mar phàirt den chùrsa a tha mi a' dèanamh aig an t-Sabhail Mhoir agus smaoinich mi gum biodh e feumail do chuideigin.

Cliog an seo

Chan eil e deiseil fhathast agus tha mearachd no dhà fhathast ann, ach tha min dòchas gum bi e feumail dhuibh.

Posted: Thu Oct 22, 2009 9:56 pm
by Seonaidh
Nochdadh gu bheil thu a' cleachdadh scripting tool, rudeigin mar "Dreamweaver" amsaa. Oir nuair a choimhead mi air do làrach lìon, chunnaic mi rudan mar " Ä" an àite "à". Bidh agad ris an còd ceart fhaighinn agus a chur gu dìreach anns an HTML/XHTML - feuch "Notepad" airson seo. M. Jean de Fife

Posted: Fri Oct 23, 2009 12:38 am
by *Alasdair*
Tha mi dìreach ga sgrìobhadh ann an Notepad2. Tha Dreamwaves are a' choimpuitair ach chan eil mi air a bhith ga chleachdadh idir.

Dè an browser a tha thu a' cleachadadh? Tha e ag obair dhomhsa ann am Firefox agus IE8. a rèir làraich lìn a tha a' coimhead air an XHTML a tha thu a' cur a-steach chan eil rud sam bith ceàrr leis...

Posted: Fri Oct 23, 2009 8:44 am
by GunChleoc
Tha e ag obair gu ceart air Firefox 3, ach chan ann air IE6.

Feuch seo a chuir ris an roinn head:

Code: Select all

[meta http-equiv="Content-Type" content="text/html; charset=utf-8"]
[meta http-equiv="Content-Language" content="gd"]
(Cuir <> ann an àite [])

Tha an làrach doirbh ri leughadh leis an dath a chur thu ris. Am feuch thu dath eile nach eil cho làidir?

Posted: Fri Oct 23, 2009 9:14 am
by Gràisg
Coltas neònach ri fhaicinn air IE7 cuideachd.

Posted: Fri Oct 23, 2009 11:05 am
by *Alasdair*
Tapadh leat a Ghun Chleoc. Tha na dathan dìreach test colours. Bidh mi gan atharrachadh.

Agus tha mi a' faicainn nach eil e ag obair ann an IE8 nas motha. Chan eil am browser ag aontachadh leis an còd... tha e ag obair ma tha thu right clicking agus a' dol gu encoding agus a' tadhagh Unicode UTF-8.

Posted: Tue Jan 05, 2010 2:30 am
by Neas Olc
Freagairt simplidh: cleachaibh Firefox. Carson a tha sibh uile air IE sa ciad àite? :D

Posted: Tue Jan 05, 2010 10:39 am
by GunChleoc
Air sgàth 's gu bheil mi leisg :P