Ceist eadar-theangachaidh - 'sgudal oifigeil'
Posted: Sat Oct 24, 2009 9:24 am
Le APC sa phàipear bheag 23.10.09
'Chan fheum sinn dearbhadh sam bith gu bheil e nas fhasa
dha na Gàidheal an dà chuid an Èirinn agus an Alba a bhith
leughadh na Beurla seach a Ghàidhlig (airson "adhbharan"
eachdraidheil dhan deach mi steach an turas mu dheireadh),
ach tha seo cuideachd a-rithist a' togail na ceist: le airgead
is goireasan-cànain teann gu leòr, an e a bhith ag eadartheangachadh
aithisgean oifigeil o Bheurla gu Gàidhlig an
dòigh as èifeachdaiche ar cuid maoin a chleachdadh?
Chan e. Gu cinnteach chan e. Ma tha sinn dol a chosg
airgead air rudan fhoillseachadh ann an Gàidhlig bu chòir
gach sgillinn ruadh dhen airgead sin a bhith air a chosg air
stuth thùsanach Gàidhlig — air nobhailean, sgrìobhadh
cruthachail, bàrdachd, fèin-eachdraidheil, leabhraichean
saidheans is eile. Cha bu chòir aon sgillinn ruadh dheth a
bhith air a chosg ag eadar-theangachadh sgudal oifigeil o
Bheurla gu Gàidhlig.'