Page 1 of 1
Draghan mòra aig Comann nam Pàrant Inbhir Nis
Posted: Sat Nov 07, 2009 9:55 am
by Gràisg
Seo leth-bhreac de litir a sgrìobh iad do BnG, Comhairle na Gàidhealtachd, agus TAIC. Tha coltas ann gu bheil eagal orra gu bi cùisean a' dol fodha buileach glan aig ìre foghlam fo-sgoile (0-3) nam bheachdsa. Co-dhiù chan eil mi a' tuigsinn carson nach do sgrìobh iad litir sa Ghàidhlig bhiodh BnG agus TAIC ga tuigsinn agus tha aonad eadar-theagachaidh aig a' Chomhairle ach 's e rud eile a tha sin.

Posted: Sat Nov 07, 2009 11:32 pm
by Seonaidh
Ged nach eil Gàidhlig acasan, 's dòcha?
Oir ma tha Gàidhlig aca, tha seo (a' sgrìobhadh gu buidhnean aig a bheil Gàidhlig - no aig am feudar Gàidhlig a bhith) a' foillseachadh dìmeas chun na Gàidhlig. Tha e mar ag ràdh gur e fo-chànan a th' anns a' Ghàidhlig, gur e fo-chultar a th' anns na rudan Gaidhealach. Mar a sheinneadh "Chwarter i Un" mun Chuimris, "Is-ddiwylliant ar ffo" (fo-chultar air teicheadh). Na dèan mar seo!
Re: Draghan mòra aig Comann nam Pàrant Inbhir Nis
Posted: Sun Nov 08, 2009 11:40 am
by Níall Beag
Gràisg wrote:chan eil mi a' tuigsinn carson nach do sgrìobh iad litir sa Ghàidhlig ... tha aonad eadar-theagachaidh aig a' Chomhairle ach 's e rud eile a tha sin.
That might come across as a bit militant, while they're trying to be reasonable....
Posted: Sun Nov 08, 2009 1:06 pm
by faoileag
Tha mi ag aontachadh le Niall.
Anns a' ceist seo, 's e ro-innleachd nas fheàrr.
Tha 'Hugh, a' charaid' agus 'Dùrachdan' ann - tha sin comharra soilleir gu leòr anns a' chiad dol-a-mach, agus 's e sin an cleachdadh as cumanta gus comharrachadh gur e luchd-Gàidhlig a th' anns na sgrìobhadairean.
Posted: Sun Nov 08, 2009 4:00 pm
by akerbeltz
Tha mi beagan air chall... an deach seo a phostadh gus puing feallsanachd a dheasbad (sin e, Beurla seach Gàidhlig san litir) no draghan CnamP?
Posted: Sun Nov 08, 2009 5:09 pm
by Gràisg
'S e na draghan a th'aca a tha an rud as cudromaiche nam bheachdsa ach a dh'aindeoin sin tha e inntinneach gur anns a' Bheurla a tha an litir seo.
A-rèir plana na Gàidhlig aig Comhairle na Gaidhealtachd tha iad ag gealltainn gum b a' chomhairle:
'guarantee a Gaelic reply to correspondence written in the language, within the standard timeframe'
Faodaidh tu litir Ghaidhlig a chuir thuca ma thogras tu agus gheibh thu freagairt san aon dhòigh gun a bhith mì-mhodal.
tuilleadh an seo:
http://www.highland.gov.uk/NR/rdonlyres ... 280508.pdf
San fharsaingneachd saoilidh mi nach bi sgillan ruadh a' tighinn bho Chomhairle no taic sam bith eile, cha mhor nach eil a' Chomhairle fhèin a' dol fodha le cion airgid agus trioblaidean eile. B'ann le Bòrd na Gàidhlig a bhiodh fuasgladh?
Posted: Sun Nov 08, 2009 5:15 pm
by akerbeltz
...no 'nar làmhan fhéin?