Page 1 of 1
X Factor...!
Posted: Sun Nov 08, 2009 9:15 pm
by Each
Tha an X factor a cuir iognadh orm.... Se direach pantomime a th'ann ach...
De tha e a radh mun cultar poibleach ? a dh'fheumas sinn cruth ur a cuir air a ghaidhlig son a cumail leis an latha an duigh ?
Bheil seo air faire son cultar nan gaidheal, obh, obh !
Posted: Wed Nov 11, 2009 9:09 am
by GunChleoc
Chan eil mi eòlach air a' phrògram seo ach tha a leithid ann anns a' Ghearmailt.
Cha toil leamsa prògraman mar sin ach tha iad gu math mòr-chòrdte.
Posted: Wed Nov 11, 2009 8:37 pm
by Seonaidh
Dè mu dheidhinn prògram Gàidhlig mar "Am Factor GH"?
Posted: Thu Nov 12, 2009 9:43 am
by Gràisg
‘S e deagh cheist a th’ agad Eich. Dè an t-àite don Ghàidhlig am measg a’ chultar aimsireil a tha seo? Tha an X factor a chuir nam chuimhne’57 channels and Nothing’On’ òran a sheinn Bruce Springstein.
A bheil telebhisean a leithid sin nar bogadh ann an cultar a tha gar dalladh don bhòidheach mur timcheall? Am bu choir don Ghàidhlig a bhith gu tur co-ionnann leis a sin no a bheil cothrom ann gus rudeigin nas doimhne a’ sealltainn dhan t-saoghal (chan e a-mhàin air Tellidh)?
Posted: Thu Nov 12, 2009 10:15 pm
by Seonaidh
Nabaidhean
Muinntir an Taoibh an Ear
Muinntir a' Ghlinne (den Chuimris)
Sràid a' Chrùnaidh
Sràth an Ama
Am bu toil leibh an fheadhainn fhaicinn air BBC Alba? No 's dòcha prògraman air cait-lochan (dè "meer-cat" sa Ghàidhlig?), no "'S e neach iomraiteach a th' annam - leig mi an seo airson grodaidh", no "Gìodhar Bharraichte"? No am b' fhearr leibh prògraman air ceòl traidiseanta Gàidhlig, air mar a ionnsaichear an cànan, naidheachd às na h-eileanan, eachdraidh na Gàidhealtachd is eile?
'S dòcha gur e co-rèireachadh am b' fheudar ann - beagan spòrs, beagan naidheachd, beagan cultair, beagan trash.
Posted: Thu Nov 12, 2009 10:37 pm
by Each
Cha robh cail cearr le Machair....
Agus feumaidh mi aideachadh gu bheil mi coma air ceol tradiseanta (uairenan co-dhui).
Chuala mi an chomhradh as fhearr anns an canan eadar an dithis bhodach air Cuibhle nan Fhortain - gu math eibheann.
Saoilidh mi nach eil sinn ro thearmannach mun canan... Feumaidh sinn beagan spors gun teagamh.