Gaelic to Gaelic tr*nsl*t**n required please:-)
Posted: Thu Nov 12, 2009 5:05 pm
Rinn cuideigin gearan rium mu dheidhinn an teacsa a tha seo, thuirt iad nach robh iad a' dèanamh bun no bàrr dheth agus tha pailteas Gàidhlig aig an neach seo cuideachd.
"Tha gnìomhachdan a’ Bhùird air an riaghladh le Plana Nàiseanta na Gàidhlig, sa bheil 90 puingean gnìomha a’ còmhdach ghnìomhachdan bho gheàrr-ama gu meadhan-ama gu fad-ama a thaobh na buaidh a bhios aca. Mar sin, tha feum aig a’ Bhòrd air raon de chomharran a leasachadh a bheir comas dha, agus do luchd-taic, adhartas a mheasadh agus a bhreithneachadh a dh’ionnsaigh cinn-uidhe bhunaiteach a’ Phlana agus cuideachaidhean bhon Bhòrd a thaobh seo. ’S e adhbhar na h-obrach seo a bhith a’ cuideachadh ann an leasachadh Prìomh Chomharran Coileanaidh, ach sa chiad àite gus siostaman a stèidheachadh airson sùil a chumail air adhartas agus iad sin a chleachdadh gus aithisgean cunbhalach a chumail ris an Sgioba Stiùiridh/Bòrd, agus gus fiosrachadh a sholarachadh a chuireas ri aithisgean agus planaichean gnothachais is corporra."
(O dreuchd 'oifigear fiosrachaidh stiuiridh': http://www.bord-na-gaidhlig.org.uk/obraichean.html )