Page 1 of 2
Medieval Gaelic
Posted: Thu Nov 12, 2009 6:43 pm
by clarsach
Does anyone know if there are any internet resources to help me learn a little about the medieval Gaelic language? I'm assuming that just like medieval and modern English, there are quite a few differences. If anyone knows a good resource or ten, thank you very much!
Posted: Thu Nov 12, 2009 8:52 pm
by AlasdairBochd
Seall seo bhon Oilthigh Theacsais.
http://www.utexas.edu/cola/centers/lrc/ ... l-0-X.html
Look at this from the University of Texas.
Posted: Thu Nov 12, 2009 10:17 pm
by Seonaidh
...far a bheil iad a' bruidhinn Mediaeval Gaelic fhathast!
(tha mi duilich...)
Posted: Fri Nov 13, 2009 6:50 am
by GunChleoc
Agus carson nach bruidhneadh - is aithne dhomh tè is Laidinn aice is sgrìobhaidh i puist-d sa chànan seo.
Jedem Tierchen sein Pläsierchen no do gach beathach a thlachd mar a chanas sinn sa Ghearmailtis

Posted: Fri Nov 13, 2009 12:27 pm
by faoileag
GunChleoc wrote:Agus carson nach bruidhneadh - is aithne dhomh tè is Laidinn aice is sgrìobhaidh i puist-d sa chànan seo.
Tha mise eòlach air a leithid de thè cuideachd (no fiù 's dithis).....saoil gur e an aon tè th' innte? Ceangailte ri Oilhigh Ghöttingen?
Posted: Fri Nov 13, 2009 6:49 pm
by GunChleoc
Chan e. Tha i a' fuireach ann an Hamburg is chan eil i na h-oileanaich.
Posted: Fri Nov 13, 2009 8:10 pm
by Seonaidh
Chan eil fios agam, ach bha mi a' creidsinn gum b' ann an aon cànan mar Gàidhlig na h-Èireann a bha Gàidhlig sgrìobhte mheadhan-aoiseach.
Posted: Sat Nov 14, 2009 11:09 am
by GunChleoc
Chan e an aon chànan a bha e aig an àm mar a tha e an-diugh co-dhiù - tha Gàidhlig na h-Èirinn air atharrachadh, an aon dòigh a tha Gàidhlig na h-Alba air atharrachadh bhon àm siud. No ann an aon doigh nach eilear a' bruidhinn sa Làidinn anns an Spàinn an latha an-diugh.
Posted: Tue Nov 17, 2009 3:37 am
by Neas Olc
Agus carson nach bruidhneadh - is aithne dhomh tè is Laidinn aice is sgrìobhaidh i puist-d sa chànan seo.
Tha mise fiu's eolach air doaine faisg orm gum bi a
bruidhinn innte gach seachdainn! Tha comhlan fiu's ann air a shon aig an oilthigh am. Nam beachdsa bhiodh an tide nas bhuadhaiche nam biodh iad a cleachdadh cànan BEO...ach sin mar a tha e.

Posted: Tue Nov 17, 2009 11:35 am
by akerbeltz
Uel, ged a tha feum air daoine a bhruidhneas an cànan beò, tha e cudromach a bhith eòlach air eachdraidh a' chànain.
Tha cuid mhór dhe na Gàidheil gu tur ainealach mu eachdraidh fhada na Gàidhlig agus gur iad na cànain cheilteach a' chiad fheadhainn a chaidh an sgrìobhadh as déidh linn na Laidinn. Thig pròis sa chultar á rudan mar seo cuideachd 's chan eil ionnsachadh na goídelc gun fheum idir. Ag innse na fìrinn, b' fhìor thoigh leam nan teagasgadh iad seann ghàidhlig sna sgoiltean Ghàidhlig seach Laideann...
Posted: Tue Nov 17, 2009 4:50 pm
by GunChleoc
Bha mi airson clas seann Ghàidhlig a ghabhail is saoilidh mi gu bheil Gàidhlig gu leòr agam a-nis gun a bhith an cà chànan a chur tròimhe-chèile. Co-dhiù, nuair a ruig mi an àite cha robh ann ach soidhne nach bi e a' gabhail àite am bliadhna

Posted: Wed Nov 18, 2009 10:17 am
by Seonaidh
Agus an robh an soidhne san t-seann Gh`aidhlig?
Posted: Wed Nov 18, 2009 11:33 am
by GunChleoc
Cha robh. Bha e 'sa Ghearmailtis. Nuair a bhios tu gus a' chiad clas agad a dhèanamh, cha bhi thu a' tuigsinn an cànan, am bi?
Posted: Thu Nov 19, 2009 7:08 am
by Neas Olc
Ha touché.

Posted: Fri Nov 20, 2009 7:57 pm
by Seonaidh
'S dòcha gum bithinnsa air a thuigsinn nas fheàrr nam biodh e san t-Seann Ghàidhlig na sa Ghearmailtis! Ocus chan eil Seann Ghàidhlig agam.