Clach Mhile

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
Each
Posts: 87
Joined: Sat Dec 27, 2008 5:29 pm

Clach Mhile

Unread post by Each »

Rinn an Comann Ailitreachd Inbhir Nis sreath na taisbeanan an uiridh mun dealabhaidh/ailtireachd ur anns an Ghealtcheachd s na h-eileanan.

Thainig sreath claran telebhision as an iomairt agus toisichidh an programman Diluan.

Bha mi nam breitheamh son pairt dhan iomairt agus cuir mi geall dhuibh gu bheil an dealbhaidh aig ire cho ard ri aite sam bith nan t saoghal.

Sann an Deirbh Aithne na aite agus muintir na sgire a neartachadh a chaidh an iomart nan ailtirean - An robh iad soirbheachail ?
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Eich, a bheil beachd agad air ‘Am plana leasachaidh feadh na Gàidhealtachd'? Gheibhear mòran ann an Inbhir Narann a tha gu dubh na aghaidh mar a tha e an dràsta, gu h-àraidh na comhairlichean coimhearsnachd, buidhnean a leithid Nairn Concerned Residents Group msaa. Saoilidh mi gu bheil beachd aig a’ mhòr chuid gum bi cus leasachaidh air an trannsa A96 eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann agus gainnead dheth taobh a-muigh an sgìre sin.
Tha cothroman agus cunnartan ann nam bheachdsa. Cha toll leam an Talla Coimhearsnachd ùr againn an seo ach tha coltas Stèisean Poilis ùr a' cordadh rium gu mòr.
Each
Posts: 87
Joined: Sat Dec 27, 2008 5:29 pm

Unread post by Each »

Cha do dh'leugh mi an Plana.

Gu mi fhortanach, se mo bheachdsa co-dhiu nach bith feum sam bith anns an conaltradh mun Plana. Feumaidhh tu direach choimhead air an sgrios a rinn iad aig iomall a dh'Inbhir Nis.

Sann anns an luchd stiuiridh na chomhairle fhein a tha an cumhachd, ge brith de tha an duine professianta a radh.

Bith cothroman aig an Buill na Chomhairle fhein uairenan rudan aig atharrachadh ach s'ann air thoabh na bhuidhnean luchd leaschiadh mor a tha iad. Chan eil air fhagail aig a choimhearsneachd ach "tinkering around the edges" airson a toirt faireachdainn dhaibh gur iad an sas.

Sann anns an "profit margin" agus feum na carachain a tha an co-dhunadh mu dheireadh, chan ann a reir an toileachas na dhaoine agus an arrainneachd far a bheil iad a fuireach.

Aig an aon am, aig an ire as iosle, chan urrainn fir no te cothroman fhaighinn taigh a thogail dhaibh fhein, teid h-uile cnap starra a cuir nan aghaidh. Sin an cunnart as motha son an choimhersneachdan aig iomall na sgire tha mi smoaintinn, tha iad nan bathadh ann an teipa dearg.

Chan eil ach beagan criomagan air fagail son an ailtire a sealltainn an sgil aige.

Tha h-uile call bonn os cionn.
Post Reply