Film Alba - Fèis Fhilmichean Gàidhlig, Bonn 29.11 - 1.12.09
Posted: Tue Nov 17, 2009 11:08 pm
Tha e mìorbhaileach na tha na Gearmailtich a' dèanamh airson Gàidhlig na làithean seo - leabhar-teagaisg ùr, agus a-nis Fèis nam filmichean Gàidhlig ann an Bonn.
Barrachd an-seo (teacsa air a ghòid bho Abair Thusa...
) :
An Hiortach, Màiri Mhòr nan Òran, Siubhlachan, Seachd, Tropaig na Caorach, agus ceòl Gàidhlig agus leughadh às a' chruinneachadh-sgeul ùr: An Claigeann aig Damian Hirst. Aoighean à Alba cuideachd.
Abair thusa gur e oidhcheannan sgoinneil a bhios ann!


Barrachd an-seo (teacsa air a ghòid bho Abair Thusa...

www.filmalba.deIs e fèis nam filmichean Gàidhlig a tha ann am FILMALBA - fèis a chaidh a chur air chois ann an 2003 mar phàirt den phròiseact uk@nrw ann an Nordrhein-Westphalen, stàit an àird an Iar na Gearmailt. Le taic bhon BhBC, Ministearalachd a' Chultair NRW agus comhairle Baile Bhonn tha e air tachairt 3 tursan gu ruige seo.
Ceithir oidhcheannan de dh'fhilmichean agus cur air bhog leabhair le cuirm-ciùil uile ceangailte ri cultar nan Gàidheal. Cuiridh sinn fàilte air aoighean à Alba agus às a' Ghearmailt. Tha FILMALBA a' tachairt am bliadhna bhon 28mh den t-Samhain gus an 2na den Dùbhlachd.

Abair thusa gur e oidhcheannan sgoinneil a bhios ann!
