Page 1 of 1

Làrach Unilang

Posted: Thu Nov 19, 2009 4:01 pm
by akerbeltz
Thachair mi air seo a-niu, cha robh fhios a'm gun robh e ann:

http://www.unilang.org/viewforum.php?f= ... 0da3b24920

Faca sibhs' e?

Am Mìcheal Eile

Posted: Thu Nov 19, 2009 6:53 pm
by GunChleoc
Bha fios agamsa ach cha do ghabh mi ann aig an àm air sgàth 's gu bheil luchd na tatù a' tadhal.

'S dòcha gu bheil cuisean inntinneach air co-dhiù.

Posted: Fri Nov 20, 2009 8:10 pm
by Seonaidh
O chionn bliadhnaichean, bha mi ag obair ann am Poileateacnaig a' Chaisteil Nuaidh agus bha ionad againn leis an ainm "Polylang", far am biodh daoine ag ionnsachadh cànanan - Fraingis - Nirribhis - Spàinni -, Ruisis - Mandarain - Iapanais - Urduis - Cuimris...bha iomadh cànan ann.

Ach dh'atharraich am poli ann an oilthigh. Agus dh'atharraich an t-ainm cuideachd, cha b' e Polylang tuilleadh ach "Unilang"! Agus tha e fhathast an sin - ionad cànain leis an ainm Unilang, ann an Oilthigh Chuimrich a Tuath (Northumbria).

Posted: Mon Nov 23, 2009 11:15 am
by *Alasdair*
Eadar-theangaich na làraich-lìn!
Tha Unilang a' sìreadh daoine a bhith ag eadar-theangachadh an làraich-lìn aca. Rinn mi tòrr de na pàirtean Gàidhlig, ach chan eil iad ceart cho math 's a b' urrainn dhaibh a bhith :p

Posted: Sun Dec 06, 2009 7:28 am
by Neas Olc
Bha mi eolach air fhathast- fon ainm Evil Weasel- ach feumaidh mi radh nach eil mi air a bhith a dol ann cho mòran na laighean seo. Làrach gu math innteannach cò dhiu.