An 'galar' a tha a' leagadh ar luchd-mheadhanan – Beurla

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

An 'galar' a tha a' leagadh ar luchd-mheadhanan – Beurla

Unread post by Gràisg »

A bheil cus beurla air BBC ALBA? Saoilidh mise gu bheil agus seo beachd aig Seon C Caimbeul

'SHAOILEADH tu uaireannan gu bheil galar a' dol am measg Gaidhil nam meadhanan (cho math ri feadhainn sna h-eaglaisean) a tha toirt orra creidsinn ann am Beurla mar gur e cànan Dhè a bh' innte.
Tha Cuide ri Cathy a' cosg leth-uair de thìde gach seachdain air BBC Alba a' taisbeanadh daoine a tha meadhanach ainmeil anns na meadhanan Beurla 's iad a' bruidhinn … Beurla! Chan ann an-dràsta 's a-rithist, ach thairis air sreath fichead prògram.'

tuilleadh air làrach an Albannach
http://news.scotsman.com/gaelic/An-39ga ... 5866434.jp
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Chan eil càil a dh'fhios agam air sgàth 's nach fhaigh mi e :boile:

/gearan
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply