APC air a shàrachadh
Posted: Sat Nov 28, 2009 7:04 pm
agus a-mach mu a dheidhinn turas eile sa Phàipear Bheag. Airson tuilleadh fhaicinn uill feumaidh tu an WHFP a cheannaich, 's ann air culaibh 'pay wall' a tha an làrach aca.
'Bhiodh e riamh gam shàrachadh nuair a chithinn Gàidheil a bha cho siùbhlach nan cainnt ri Mac Mhaighstir Alasdair fhèin nan seasamh dìomhain aig cunntar a' bhàir fhad's a bha feadhainn eile nach b'urrainn trì faclan Gàidhlig a chur ri chèile ag obair anns na meadhanan Gàidhlig. Agus feumaidh mi ràdh gu bheil e gam shàrachadh fhathast.
Cionnas neo ciamar a tha e gu bheil treubh de Ghàidheil fhileanta ann a tha ag obair ann an dìg an rathaid ma tha iad ag obair idir, fhad's tha feadhainn eile ann a tha air beagan Gàidhlig (mas e sin a chanas
tu ris) ionnsachadh a tha an uairsin a' faighinn cosnaidhean cunbhalach ann an saoghal na Gàidhlig? Neo co-dhiù anns an leth-shaoghal ud eile far am faigh thu obair fhad's a gheallas tu "to engage meaningfully with the language", ge brith dè tha sin a' ciallachadh.'