Tha Ionnsachadh agus Teagasg Alba (LTS), a’ phrìomh bhuidheann le uallach airson leasachadh agus taic do churraicealam ùr na h-Alba, air a’ chiad Phlana Gàidhlig aca fhoillseachadh, ’s e air a dhealbh gus taic a chur ri adhartachadh a’ chànain ann am foghlam air feadh Alba.
Air a thoirt gu buil fo chumhachan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, agus air aontachadh le Bòrd na Gàidhlig, tha am plana a’ taisbeanadh mar a bhios LTS agus buidhnean com-pàirt a’ cleachdadh agus a’ cur taic ri cleachdadh na Gàidhlig ann an liubhairt a sheirbheisean agus thathar a’ mìneachadh nan ceumannan a thèid a ghabhail gus inbhe na Gàidhlig a thogail agus ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an sgoiltean.
http://www.ltscotland.org.uk/aboutlts/w ... idhlig.asp
Plana Gàidhlig aig Ionnsachadh agus Teagasg Alba
-
- Posts: 16
- Joined: Wed Feb 25, 2009 3:33 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Glaschu
The Future of Gaelic / Ceuman Cudromach airson Gàidhlig a chumail beò
Barrachd mun chuspair sin an seo:
http://www.government-news.co.uk/scotti ... gaelic.asp#
Òraid Sabhal Mòr Ostaig 2009
le Mìcheal Ruiseal, Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlaim

- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
tl
'Thuirt Mìcheal Ruiseal, Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlaim agus Ionnsachadh Fad-beatha:
"...Tha cothrom air deagh fhoghlam Gàidhlig ann an suidhichidhean sgoile, ro-sgoile agus coimhearsnachd air leth cudromach do shàbhaladh a' chànain bho chrìonadh nas motha. Mar a dh'ainmich mi ann an Steòrnabhagh nas tràithe air a' bhliadhna seo, tha mi air iarraidh air Bòrd na Gàidhlig sùil mhionaideach a thoirt air dè na ceuman agus co-dhùnaidhean raidigeach a dh'fheumas sinn a dhèanamh gus a' mheudachadh as motha fhaicinn anns na h-àireamhan de dhaoine a tha a' bruidhinn Gàidhlig an Alba.
"Gheibh sinn molaidhean anns na seachdainean a tha romhainn. Còmhla ri Fiona Hyslop, Ministear a' Chultair, bidh mi a' foillseachadh plana gnìomh airson cruthachadh a' ghinealaich ùir de luchd-labhairt a dh'fheumar gus dèanamh cinnteach gum bi a' Ghàidhlig air a cumail beò..."
Cgl, ach 'bidh mi a' foillseachadh plana gnìomh..' A bheil sin a' ciallachadh gu bheil Plana na Gàidhlig mar a tha e an-drasta a-mach as an uinneig?' Agus tha aig BnG 'sùil mhionaideach a thoirt air na ceuman agus co-dhùnaidhean raidigeach a dh'fheumas sinn a dhèanamh gus...' Gabhaibh mo leisgeil ach nach bu chòir làn fhios a bhith aig a' Bhòrd mu thràth dè bu chòir dhaibh a dhèanamh gus ath-thilleadh gluasad cànain a choileanadh?