Page 1 of 1
Co-fharpais Filmichean Gàidhlig
Posted: Sat Dec 05, 2009 9:59 pm
by Tearlach61
Chaidh còrr 's leth cheud filmichean Gàidhlig chur a-steach am bliadhna. Tha iad air loidhne a-nis air an t-seòladh mar a leanas:
http://www.filmg.co.uk/gd/viewfilms09.php
'S fhiach sùil a thoirt orra, tha tòrr a tha inntinneach 's rinn mi fhìn fear dhiubh.
Posted: Sat Dec 05, 2009 10:12 pm
by faoileag
Bha mise air an làrach-lin turas no dhà airson greis mu-thrath - agus tha stuth inntinneach ann gu dearbh. Bha mi air bhòtadh an sin mu-thrath cuideachd - ach tha mòran filmeachan math ann. Doirbh a bhith a' tagadh.
Tha e uabhasach brosnachail gum bi uiread de sgoiltean ann - agus beachdan is cur an gnìomh fìor mhath a th' aca.
(An e Charles Tripp a th' annadsa?

)
Posted: Thu Dec 10, 2009 11:11 am
by Níall Beag
'S truagh fhéin nach eil a chuid mhór cleachdte ri "deinterlace" a chleachdadh....
And it's a wee bit confusing to have the professional first-time-directors mixed in with the amateurs.
Posted: Sat Dec 12, 2009 6:06 pm
by Graineag
Cuid filmaichean uabhsach math am bliadhna seo. Tha mo charaid anns' an fhilm "An Latha a Fhuair Gàidhlig Greim air an t-Saoghal."
Posted: Fri Dec 18, 2009 2:23 am
by Neas Olc
Ha 'sa chlas Gàidhlig 'am choimhead sinn air fear dhe na filmichean 'ad mios na dhà air ais. Mu beantan sam bith ann an California mar eil mi ceàrr ach dhiochuimhnich mi am mòr cuid dheth.
Thuirt mi ri mi fhin nuair a chunnaic mi e 'bheil mi eolach air an duine sin àite sam bith? Naaaahhh".