Inbhir Narann fo Thighearnas a' Co-Op

Càil sam bith eile / Anything else
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Inbhir Narann fo Thighearnas a' Co-Op

Unread post by Gràisg »

Abair thusa gur e Baile a’ Co-op a th’ann an Inbhir Narann. Bhon a ghabh iad sealbh air Somerfield tha iad air a bhith a’ cur a’ bhathar fhèin am broinn a’ bhùth ud. Cha mhòr nach eil am proiceas sin seachad a-nis. Tha ceithir bùthan Co-op againn sa bhaile a-nis agus smachd orra cuideachd air an stèisean peatrail air taobh an iar a’ bhaile agus tha bathar grosaireachd na chois cuideachd. Tha mòran den bheachd gu bheil prìsean a’ dol an àirde gu math luath anns an togalach far an robh Somerfield agus gu bheil an Co-op a’ toirt a’ gabhail brath oirnn. Gu h-iongantach tha feadhainn den bheachd gur eadar an dha bhùth aig teas meadhan a bhaile, gheibhear prìsean nas iosal san Somerfiled an taca ris a’ bhùth air a’ phrìomh shràid. Mar a thuirt mi, tha da àite eile aca, ma tha eòlas agad air Inbhir Narainn tha Morning Noon and Night ri fhaighinn aig crois-shlighe Merryton agus Co-op eile ann an Tradespark. ‘S e bùth mor a tha airidh air na seachadan a th’ann an Somerfield agus chan urrainn dhut coltas math a dhèanamh eadar sin agus bùthan mòra ann an Farrais, Eilginn no Inbhir Nis. Tha Fiu ‘s Lidl ri dìg an rathaid taobh a-muigh Farrais nas motha. Chan eil mòran rum a ghluasad san Co-op air a’ phrìomh shràid nas motha. Agus ‘s math nach eil sinn uile feuchainn ri biadh a cheannach as na h-àiteachean seo. Nan robh bhiodh loidhnichean ann dìreach mar a bha iad ri fhaicinn aig am èiginn an Northern Rock. Airson taghadh nas s’ fheàrr airson biadh fhaighinn tha thu buailteach a’ tachairt air do chuid càirdean agus nàbaidhean ann an Tesco Farrais, Inbhir Nis no ASDA ann an Eilginn no grunn àiteachean eile.
A bheil fuasgladh sam bith air faire? Ma dh’fhaoidte gu bheil. A-nis tha sinn a’ feitheamh air co-dhùnadh air rannsachadh poblach a ghabh àite na bu tràithe sa bhliadhna. Tha Sainsbury’s airson faighinn a-steach air larach air taobh an ear a’ bhaile agus iad air 200 dreuchd a’ gealltainn dhuinn. Chuir an co-op na h-aghaidh gu mòr, mòr ge-tà agus dh’fhastadh iad luchd lagha agus eòlaichean. ‘S e sabaid cruaidh a bh’ann a’ toirt a-steach iomadh cuspair a’ buntainn ri leasachaidh, dealbhaidh agus cor gnothaichean Inbhir Narann. Chuir Sainsbury agus a’ Co-op uabhas de pàipearan-fianais air adhart fad an rannsachaidh a bha seo. Fada bhon a chunnaic muinntir Inbhir Narann co mheud deiseachan daor spaideil a gluasad nam measg. Chaidh am blàr a chur agus chaidh am blàr a chaill le Sainsbury’s?

‘S e seòrsa ìoronas a th’ann dhomhsa, nach eil an Co-op a’ dol ris an canar ‘the caring, sharing co-op’ san snìomh aca fhèin? Nuair a thig e gu h-aon agus dha chan eil iad a’ coimhead ach air an son fhein mar a tha iomadach gnìomhachas eile a dh’aindeoin an cuid eachdraidh. Uill chan eil muinntir Inbhir Narann ga thuigsinn idir, seall air Huntlaidh, baile le 4,000 dhaoine an taca le Inbhir Narann le barrachd air 8,000, tha Tesco agus ASDA aca ann an Huntlaidh. A bharrachd air sin tha an Co-op a’ bagradh oirnn. Bu choir dhaibh a bhith dèanamh leasachaidh air a’ bhùth as motha aca fo chùmhnant eadar Roinn na Gàidhealtachd agus Somerfield (nach maireann) ach ma bhios Sainsbury a’ faighinn cead bho Riaghaltas na h-Alba tha iad a’ cumail a-mach nach tèid an leasachadh sin air adhart.
co-dhiù tha an co-dhùnadh bhon rannsachadh phoblach sin air a bhith air deasg Mgr Stiùbhart Stevenson shìos aig Taigh an Roid. A-nis tha dail uabhasach air a bhith ann bhon a ràinig e an deasg ud. Thathar a ràdh sa phàipear naidheachd The Nairnshire Telegraph gu bheil eagal ann gu bheil sin a’ ciallachadh gun deach Sainsbury’s a dhiùltadh. Uill ma tha sin fior abair thusa gum bi mòran den bhaile seo làidir den bheachd gur e sgainneal sa mile bliadhhna ur a bhiodh an siud. An tèid air trèigsinn buileach glan do Thighearnas a’ Co-op?


Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Tha eagal oirnn ann an Gleann Rathais gum bi Sainsbug's a' diùltadh cuideachd. Dè an diofar? 'S e ASDA's agus Moireasdan a th' againn, tha bùth mhòr a' Cho-op air dùnadh. 'S toigh leam an Co-op.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Cha bhi aon-mharsantachd math :(

Tha cuimhne agam nuair a bha mi ann am Port Rìgh saor-laithean nach robh ach Co-op is Somerfield ann is tha iad pàirt den aon gnìomhachas a-nis. Saoil ciamar a bhios e an siud :?

Chan eil mi uabhasach measail air tòrr mergers agus gnìomhachasan cho mòra gu bheil an aon choltas air gach meadhan a' bhaile air feadh an t-saoghail. Nì e na gnothaichean nas fhasa nuair a bhios tu a' siubhal, ach ann an ìre bheag inntinneach is a huile càil caran an aon rud. 'S e call dualchais a th' ann seo :roll:
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Unread post by Neas Olc »

Chan eil mi ro eolach air companaidhean Eorpaich ach chanainnse gu bheil am fear sin an ire mhath coltach ri Métro an seo- buth Québécois a cheannaich fear de na companaidhean againne agus an-drasd' tha iad air feadh a bhaile. POOF. Cha robh mi fiu's eolach orra nuair a thàinig iad a steach ach a nis tha iad gu aon-mharsantachd a dheanamh. 8-)

Cò dhiu airson a mhoir chuid cha bhi aon-mharsantachd a fuireach ann cho fad's a tha thu a creidsinn- agus gu fortunach tha feudhainn eile fhathast ann a bhios a cumail sios na prìsean.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Am biast as motha ag ithe am biast as lugha

Unread post by An Gobaire »

Tha e inntinneach faicinn cho draghail is a tha daoine mu bhuaidh nam margaidhean mòra ann am bailtean beaga na h-Alba. Ach mura b' e is gum bi daoine a' tadhal orra 's a' ceannach an cuid bathair, cha bhiodh iad ann.

Tha e cho goireasach dha daoine dripeil trang gum faod iad a' mhòr-chuid de na nithean làitheil a dh'fheumas iad a cheannach còmhla mar sin, san aon àite agus air an aon sgrìob. 'S e sin prìomh adhbhar gu bheil a' chuid as motha de na bùithtean mòra seo daonnan a' leudachadh 's a' sgaoileadh am meuran a-mach air feadh na dùthcha.

Chan eil mi gabhail ris gur e rud math a th' ann an seo, ach tha e soilleir gu bheil feum orra, oir cha bhiodh iad a'cheart cho soirbheachail 's a tha iad.

Ma tha coire gu bhith air a leigeil air buidheann sam bith mun staid aona-mharsantachd a th' againn sna bailtean a-nis a thaobh gnìomhachas reic bìdhe, leigeamaid air na comhairlean 's air na comhairlichean i oir, 's iadsan nach eil a'dèanamh gu leòr airson iomadachd a bhrosnachadh, 's tha iad fiù 's a' toirt cuideachadh dha na margaidhean mòra làmh an uachdair fhaighinn, air chall nan ceannaichean bìdhe neo-eisimileach agus air chall na càileachd, chaochlaidh is an taghaidh a th'againn a thaobh biadh mar luchd-ceannach is luchd-caitheamh.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Post Reply