Page 1 of 1

Stòras Uibhist gus cùrsa Gàidhlig a ruith

Posted: Fri Dec 11, 2009 5:44 pm
by faoileag
A rèir a' BhBC:
Bhon ath-bhliadhna bidh an t-uachdaran coimhearsnachd Stòras Uibhist a' ruith cùrsa Gàidhlig, a bheir cothrom an cànan a chleachdadh gu làitheil, a bharrachd air oideachadh.
Tha an cùrsa ag amas air oileanaich aig a bheil beagan Gàidhlig mar thà, seach do dh'fhìor luchd-tòiseachaidh.

Thèid oileanaich a thoirt a-mach dhan choimhearsnachd gus ionnsachadh mu chultar Uibhist, agus airson na th' aca de Ghàidhlig a chleachdadh......
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... oras.shtml

Beachd inntinneach agus tha mi an dòchas gu bheil e math ullaichte is eagraichte - tha cunnart mòr ann gum bi barrachd turasachd ann air Gàidhlig fhèin. Feumaidh muinntir na sgìre (le Gàidhlig) a bhith an sàs anns na plànaichean agus anns a' chur air dòigh, agus feumaidh an teagasg Gàidhlig gach madainn a bhith èifeachdach agus freagarrach.

I fear the 'wishy washy' - that would be another wasted opportunity and another set of frustrated learners.

Posted: Fri Dec 11, 2009 7:26 pm
by Gràisg
tl agus 's e an fhìrinn glan agad a charaid!

Posted: Sat Dec 12, 2009 9:51 am
by GunChleoc
'S e pròiseict inntinneach a th' ann gu dearbh :D

Posted: Fri Feb 19, 2010 11:18 pm
by Gordon Wells
GunChleoc wrote:'S e pròiseict inntinneach a th' ann gu dearbh :D
Èistibh an seo ri Eairdsidh Caimbeul, a bhios a' teagasg air:

http://guthan.wordpress.com/2010/02/19/ ... e-teacher/

Posted: Sat Feb 20, 2010 9:55 am
by AlasdairBochd
Bha Eairdsidh an tidsear agam aig a' cholaiste agus bha e math dha-rìribh.

Re: Stòras Uibhist gus cùrsa Gàidhlig a ruith

Posted: Wed Mar 24, 2010 11:04 am
by Gordon Wells
Seo Eairdsidh a' buain na mònadh:

http://guthan.wordpress.com/2010/03/24/ ... atcutting/

Bidh "Guthan nan Eilean: 2" a' tighinn a-mach aig deireadh na bliadhna.

Re: Stòras Uibhist gus cùrsa Gàidhlig a ruith

Posted: Thu Mar 25, 2010 7:13 am
by GunChleoc
Chòrd e rium - tapadh leat! :D

Re: Stòras Uibhist gus cùrsa Gàidhlig a ruith

Posted: Fri May 28, 2010 2:04 pm
by Gordon Wells
Airson "luchd-leantainn" Eairdsidh - tha e fhathast ris a' ghnothach...

http://guthan.wordpress.com/2010/05/28/ ... lic-class/

Cluinnear oileanach ùr aige an seo.