Sgleog a' tighinn gu crìoch - airgead a dhìth

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Sgleog a' tighinn gu crìoch - airgead a dhìth

Unread post by faoileag »

Teachdaireachd air 'Sgleog':

http://www.sgleog.com/aire/index.html
Chrìochnaich a chùmhnant aig Sgleog le MG ALBA aig deireadh an Dàmhair agus gu mi-fhortanach chan eil an t-airgid aig MG ALBA a-nis airson a chumail a dol.

Ach tha iad air toirt beagan ùine a bharrachd dhuinn, gus deireadh a’ Ghearran, airson rannsachadh a dhèanamh airson faighinn a-mach dè tha còrdadh leat mun làrach agus dè nach eil agus airson cothrom a thoirt dhuinn taic airgid a lorg às àiteigin eile.

Gu h-ìosal chìthear ceisteachan ghoirid. Bhithinn glè thaingeil nam b’ urrainn dhuibh beagan ùine a chur seachad airson a lìonadh.
Ged 's ann airson na h-òighridhe a tha e, bidh mi :priob: ga leughadh bho àm gu àm, gu h-àraidh na lèirmheasan - ceòl, film amsaa.

Ach chan eil càil a dh'fhios agam an robh e inntinneach idir dhan òighridh fhèin - fiosrachadh sam bith agaibh?
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

'Ach chan eil càil a dh'fhios agam an robh e inntinneach idir dhan òighridh fhèin '
Mise cuideachd a charaid, bhiodh aig na h-òigridh guth a thogal ach channainnsa gur e iomairt chudromach a th'ann an sgleog.
Post Reply