Page 1 of 1

Gaelic aiming to get cool in 2010

Posted: Sun Jan 03, 2010 11:26 am
by Gràisg
'GAELIC supporters have to find a way to make the language "cool" for youngsters if it is going to develop, according to a leading activist.
In his New Year message, Arthur Cormack, chairman of Bord na Gaidhlig, the national Gaelic development agency, said 2010 offers Gaelic some exciting possibilities but also some hard choices and plenty of challenges.'

Gheibhear tuilleadh an seo:
http://news.scotsman.com/scotland/Gaeli ... 5951225.jp

Posted: Sun Jan 03, 2010 8:07 pm
by Seonaidh
Mar, mar a tha mise ga fhaicinn, uill, mar, chì mi an diùd mòr seo, ceart, mar, Art, mar, dhuine, is cuiridh esan sios e, mar, is 's ann smodaig a tha, ceart?

Posted: Tue Jan 05, 2010 11:01 am
by akerbeltz
Humf, dé mu dhéidhinn "have to find ways of allowing people of all ages to use the language in everyday life rather than just at the mòd and the Comunn na X céilidh"?

Posted: Tue Jan 05, 2010 11:25 am
by ArtMacCarmaig
Chan eil mi buileach a' tuigsinn cò air a tha thu a-mach Akerbeltz. Am b' urrainn dhut a' mìneachadh dè tha thu a' ciallachadh?

Posted: Tue Jan 05, 2010 5:46 pm
by Níall Beag
Tha mise den bheachd gun robh an cothrom as fheàrr aig crioch prógraman BBC Alba.

Posted: Wed Jan 06, 2010 1:42 pm
by Each
S'e an fhirinn a th'agaibh, Art.

Cho fads a bhith a chlann tighinn dhaichaidh agus a radh, " chan eil mi son a bhruidhinn gaidhlig - sin canan an sgoil !" cha ni sinn adhartas.

Feumaidh an chanan a bhith ceagailte le tachartasan a thogail uidh ann an chlann.

Chan eil direach mun t-airgead.

Tha duilich nach eil moran inbhich gheadhail deonach ag cuidichadh bhuidheann chlann mar sradagan agus clubaichean eile airson a toirt dhan chlann cothroman bhruidhinn gaidhlig ann an diofar suidheachadhan eadar dhealachte a mach as a sgoil.

Ma tha an ginealach seo a fas leis an beachd gu bheil Gaidhlig direach son a sgoil - bith sin truagh.

Posted: Thu Jan 07, 2010 11:01 am
by akerbeltz
'S e a' phuing a bh' agam gu bheil mi amharasach air rudan a tha ag amas air "ìomhaigh cool". Chan eil cus rudan a' bualadh orm a tha inbhich a' reic dhan chlann mar "rudan cool" a tha cool ann an sùilean na cloinne. Tha... rudeigin ann an nàdar na cloinne a tha ag innse dhaibh nach eil càil "cool" a tha "seann daoine" a' reic dhaibh. 'S e a' chlann fhéin a chuireas romhpa na tha cool 's nach eil.

Dé cho éifeachdach a tha e a bhith ag innse dhan chlann "maths is cool, maths is fun, you should use it and enjoy it daily"....?

Nach e ar fàilneas as motha gu bheil sinn a' feuchainn ri cànan a theagasg dhan ath ghinealach a bhios beò ann an saoghal làn sheirbheisean, chur-seachadan is teicneolas gun chothrom a thoirt dhaibh an cànan a chleachdadh taobh a-muigh nan sgoiltean? Nuair a ruigeas tu aois, can, 30, dé cho tric 's a bhios tu aig mòd no céilidh ach dé cho tric 's a bhios tu san gym, sa bhùth, air Skype, a' pàigheadh cìs na comhairle agus a' ceannach tiocaidean son a' bhus? Cà bheil na cothroman a cleachdadh? Cha chruthaich daoine àbhaisteach an cothroman fhéin, feumar cothroman a chur air am beulaibh.

'S dòcha gu bheil coltas pìobair an aona phuirt orm, ach bhitheamaid na bu ghlice nan leughamaid na h-aithisgean a tha na Basgaich a' sgrìobhadh.

Posted: Thu Jan 07, 2010 2:26 pm
by Níall Beag
'S ann gun teagamh gu bheil dhìth ann de stuth ùr-nòsach anns a' Ghàidhlig 'sna laithean an-diugh. Chan eil dràma ùr ann no ceòl ùr no càil mar sin -- chan ann ach ùr-sgeulan 's "reality TV".

Ciamar a dheanamh tu "cool ùr"? Chan urrainn dhuit. Ma tha thu feuchdainn ri bhith "cool", chan eil thu "cool" idir. Chan fheuch "cool" -- tha cool ann no ás. Sin e.

Feumaidh sinn rudeigin a dheanamh... ach dé?

Uell, thoisichidh mi ri ceòl. Anns mo bheachd-sa, ged a tha prógraman mar Rapal na pairt den freagairt, chan eil e gu leòr. 'S e "self-selecting audience" a th' ann -- tha na daoine a bhitheas a' coimhead orra na daoine a bhitheas a' lorg ceòl, 's mar sin, 's e rud sònraichte a th' ann, chan e rud àbhaisteach.

Cà bhithead ceòl ùr na rud nàdarra 's na rud àbhaisteach?

Theme songs.

Mar sin, bhitheadh a h-uile daoine a bhitheas a' coimhead air BBC Alba ag éisteach ri ceòl ùr.

...ach gu mì-fhortanach, chan eil "theme songs" gu math àbhaisteach air TBh na Beurla an-drasta. Chan ann cho dona seo. Ma coimheadas sibh air filmichean 's na taighean dheilbh, tha òrain ann fhathast aig deireadh na film. (Agus anns na "montage"ichean.)

Right now, making new Gaelic music is something of a statement, which brings in the activists, but doesn't necessarily appeal to the average speaker of the language.

So I think a good strategy would be to encourage the development and use of genuinely modern songs for background use in TV, just quietly make new music something that is normal and expected and just let people naturally adjust to that and start to become more involved.

Rudan a tha "cool" - pairt 1 ...

Posted: Thu Jan 07, 2010 5:30 pm
by Each
... a rier mo Ghille, Aois 11, co-dhui

Tha BBC Alba degh obair a dheanamh leis a chartoons -

An t Sionnach Sgiannach
Martain MacDiomhar
An Conneanach Gorrach - (Super dooper cool)

A rier mo Nighean - Aois 9

Afric,
Machair !

Nas motha na sin, Se an Flash Games air an eadar linn a thog an uidh aca -

www.addictivegames.com - Ach tha iad uile anns a beurla

Tha game no dha air Larach linn BBC ach tha iad a fas sean agus tha iad "educational" ann an aite na sporsail (gorach agus eibhean).

Tha iad uile gu math deaghail air Spors A Muigh cuideachd - tha mi a cailleachadh spors aig ire nas "Cunnartaiche" mar rothair beinne - sreapadh - msaa.

Ged a bhtih cuid a gearran nach eil ball coise sport tradiseanta - Tha an fharpais ball coise - "Cuach na Chloinne" air a ruith le CNAG gu math math cool.

Posted: Sat Jan 09, 2010 10:02 am
by Gràisg
Gheibhear clann a tha den bheachd gur e rud ‘cool’ a th’ann an Gàidhlig mu thràth. Thuirt cuideigin rium gu bheil mac aige aig Ard Sgoil Inbhir Naraan a tha airson Gàidhlig ag ionnsachadh ach chan eil cothrom dha aig an sgoil no sa bhaile air an oidhche. Seadh tha aonad Gàidhlig sa bhaile a-nis ach dè thachras ma tha pàiste nas aosda gu h-obann den bheachd gur e rud feumail a th’anns a’ Ghàidhlig?