Dè cho fuar 's a tha e far a bheil thusa?

Càil sam bith eile / Anything else
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Dè cho fuar 's a tha e far a bheil thusa?

Unread post by Gràisg »

-12.5C a-raoir ann an Inbhir Narann agus 's e sin baile a tha ainmeil airson deagh aimsir fad na bliadhna :-)

Chuala mi bho Chuc gu bheil 2C aca thall ann an Junneau, Alasca ge-tà 8-)


Seo Inbhir Narann:
Image


Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Cò Cuc? Nach Te[arl]ach a tha? Creididh mi gu bheil 2C na heatwave airson Diùno ann am Faoilleach!

Co-dhiù, tha e blàth an seo anns an Rìoghachd - tha sneachd a' toiseachadh dol à sealladh agus na stràidean a' fàs nas leaghte ach, uill, chan eil e ro bhlàth idir, chan eil e ach beagan shuas de neoni. Agus tha mi cinnteach gum bi reothadh ann a-nochd.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Dh'fhàs e caran nas blàithe an-seo - mu cheithir puingean - is tha i a' cur sneachda
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
IainDonnchaidh
Posts: 87
Joined: Mon Feb 09, 2009 9:26 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Montana, USA

Unread post by IainDonnchaidh »

Seachdain air ais, bha i -37C an seo! :o Bha sin glè fhuar :(

Ach an-diugh, tha iad ag radh gum bi mu +10C :roll:


Tha an aimsir ag leumadaich-"buindidh" :lol:
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Unread post by Neas Olc »

Bha e mu chuairt -25 seachdainn air ais. -9/-12 an nis mar eil mi ceàrr (a tha gu math blàth airson a mhios seo). Cò dhiu, tha e na thìde cheart airson shinny. 8-)
Post Reply