Page 1 of 1
Dè cho fuar 's a tha e far a bheil thusa?
Posted: Sun Jan 10, 2010 12:59 pm
by Gràisg
-12.5C a-raoir ann an Inbhir Narann agus 's e sin baile a tha ainmeil airson deagh aimsir fad na bliadhna 
Chuala mi bho Chuc gu bheil 2C aca thall ann an Junneau, Alasca ge-tà
Seo Inbhir Narann:

Posted: Sun Jan 10, 2010 5:16 pm
by Seonaidh
Cò Cuc? Nach Te[arl]ach a tha? Creididh mi gu bheil 2C na heatwave airson Diùno ann am Faoilleach!
Co-dhiù, tha e blàth an seo anns an Rìoghachd - tha sneachd a' toiseachadh dol à sealladh agus na stràidean a' fàs nas leaghte ach, uill, chan eil e ro bhlàth idir, chan eil e ach beagan shuas de neoni. Agus tha mi cinnteach gum bi reothadh ann a-nochd.
Posted: Mon Jan 11, 2010 11:21 am
by GunChleoc
Dh'fhàs e caran nas blàithe an-seo - mu cheithir puingean - is tha i a' cur sneachda
Posted: Mon Jan 11, 2010 5:17 pm
by IainDonnchaidh
Seachdain air ais, bha i -37C an seo!

Bha sin glè fhuar
Ach an-diugh, tha iad ag radh gum bi mu +10C
Tha an aimsir ag leumadaich-"buindidh"

Posted: Thu Jan 14, 2010 10:53 pm
by Neas Olc
Bha e mu chuairt -25 seachdainn air ais. -9/-12 an nis mar eil mi ceàrr (a tha gu math blàth airson a mhios seo). Cò dhiu, tha e na thìde cheart airson shinny.
