Page 1 of 1

Gàidhlig air an Eilean Sgitheanach: toradh rannsachaidh

Posted: Mon Jan 11, 2010 9:38 am
by Gràisg
'Gaelic on the Isle of Skye: older speakers’ identity in a language-shift situation'
'This article examines age and identity in the context of language shift occurring in a community on the Isle of Skye, Scotland. Via a language ability test and a language usage survey, 19 speakers were assessed; it was determined that the older (40+) and the younger speakers (<40) in this community are distinguishable on the basis of language ability, particularly in terms of synthetic forms, conditional forms, and post-nominal possession. The usage survey revealed a decline in older speakers' longitudinal use of Gaelic, and although younger speakers are making an effort to speak Gaelic and are not accommodated by older speakers switching to English, we can still conclude that, to some degree, older speakers are somewhat linguistically isolated in this community. Finally, we propose identity negotiation and the possibility of the age and identity correlation as perpetuating factors in the language shift.

from the International Journal of the Sociology of Language'

Gheibhear tuilleadh an seo ach feumadh tu a phaigheadh!
http://www.reference-global.com/doi/abs ... L.2009.043
Cha chosg sin £5,000,000 ge-tà ach feumaidh $40.00 a bhith nad phocaid :)

Posted: Mon Jan 11, 2010 8:26 pm
by Seonaidh
My raid, Ghr`aisg, chan eil mi a' tuigsinn fiu 's na Beurla!

D`e "longitudianal use of Gaelic"? "The ship's at latitude fifty-seven degrees and iar-astar còig puingean"?

"perpetuating factors in the language shift" - qué? Ma tha "language shift" ann, tha daoine ag atharrachadh o un chànan gu cànan eile, sin e, dèanta.

Posted: Mon Jan 11, 2010 8:32 pm
by Gràisg
Cha mhor nach e saideans a th'ann a Sheonaid. 'S e sin dìreach blasad dheth, 's bochd nach eil $40 faisg air làimh gus an aithisg slàn a leughadh :lol:
Airson £5,000,000 am faigh thu rudeigin sa Ghàidhlig?

Posted: Tue Jan 12, 2010 9:07 am
by GunChleoc
With longitudinal they mean over time. You can do a longitudinal study by gathering data over the years, or, lacking funds and time for that, by comparing old with young people.

Posted: Tue Jan 12, 2010 7:05 pm
by Seonaidh
Aidh, cinntech. Ach, m.e., nam bithinnsa ag innse dhut rudeigin mu bhathar bog, am bithinn a' cleachdach rudan mar "AND gate", "logical circuit", "virtual machine" amsaa? 'S e seo a tha mi ga smaoineachadh - chan eil iad a' dèanamh mòran ann am fìrinn, ach tha iad a' cleachdadh cànan pseudo-shaidheansal airson sin fhalach.

Le £5M? 'S dòcha aon tidsear Gàidhlig don uile riaghaltas ionadail ann an Alba far nach eil tidsear Gàidhlig a-nis, clasaichean Gàidhlig rim faighinn ann an sgoiltean air feadh na h-Alba.

Posted: Tue Jan 12, 2010 10:06 pm
by Níall Beag
GunChleoc wrote:With longitudinal they mean over time. You can do a longitudinal study by gathering data over the years, or, lacking funds and time for that, by comparing old with young people.
As far as I understand it, a longitudinal study has to be the same subjects over time -- if you compare different subjects then it is automatically latitudinal, regardless of the nature of the difference.

Anyway, journals are extremely expensive, but then they've traditionally got a very restricted market and they've got editors to pay.

Of course, it seems like universities are slowly coming to the realisation that as they're the people writing the journals, and the people buying the journals, and they don't really need to print them any more... well wouldn't it be better to treat it as part of their day jobs and share and share alike?

The Directory of Open Access Journals now lists 4560 journals that are free to access. The big names aren't there yet, but give it time.

Posted: Tue Jan 12, 2010 10:38 pm
by ArtMacCarmaig
Cha ghabhadh a' mhòr chuid den airgead a fhuair Soillse a chosg air a leithid gu mi-fhortanach, a Sheonaidh. Ged is e airgead mòr a th' ann 's e airgead ùr don Ghàidhlig a th' anns a' mhòr chuid dheth, agus nach bu chòir dhuinn a bhith a' cur fàilte air sin?

Posted: Wed Jan 13, 2010 11:15 am
by Níall Beag
Art,

Tha mi creidsinn gur e seo an duilgheadas a th' aig a' mhór cuid mu dheidhin soillse:
Initial reports suggested that the research money was for planning the way forward, for researching in to how to go about preserving the future of the language, rather than doing research that in an of itself helps to further the language.

Air mo shonsa, tha mi ag aontachadh ri na thuirt Duncan Ferguson: "I welcome investment in research on Gaelic but that cannot be frittered away on more attitudinal surveys on learning the language".

Chan eil mi ag aontachadh ri Seonaidh, ge-ta -- tha mi eòlach air dhìth na rannsachaidh, ach tha móran seòrsan de rannsachadh ann, nach eil?

An rud nach eil mi cho measail air, 's e "pontification" air poileasaidhean 's mar sin. Mar neach-ionnsachaidh a tha a' smaointinn air bhith nam thidsear, tha mi eòlach nach eil móran dàta ann air a' chànan mar a bruithnear an-diugh.

Tha iomart ann airson corp a dheanamh, ach chuala mi nach eil móran airgid ann 's mar sinn bidh cuisean a' dol na slaodaiche na b' urrainn dhiubh.

More than anything, I think the problem is that the public don't really know what Soillse is all about -- there's no clear "end goal" for the project and we have nothing to expect. If an idea's new to the public, it just needs that bit more clarification, more ... soillseachadh.

Posted: Wed Jan 13, 2010 1:04 pm
by Gràisg
Mas ann mar sin a tha e Art cuiridh mise fàilte agus fuaran air ach tha cunnart mòr ann nam bheachdsa gum bi mòran ga fhaicinn mar sgàradh nas motha eadar na coimhearsnachdan agus Saoghal na Gàidhlig-academaigeach.
Chan eil mi ag aontachadh leis an £500K+ tighinn às an sporran agad aig a' Bhòrd ge-tà. 'S e deagh chnap airgead a tha sin agus moran iomairtean a bhiodh annabarrach airidh air pìos dheth.

Mhollainsa 1K air paypal do Dwelly-D agus an fhaclair bheag aig a' char as lugha sa chiad dol a-mach :-)

Posted: Wed Jan 13, 2010 7:27 pm
by ArtMacCarmaig
Taing do Niall agus Gràisg airson ur beachdan.

A Ghràisg: Tha mi duilich nach eil thu a' toirt taic don cho-dhùnadh a rinn am Bòrd a thaobh £500k. Tha seo thairis air còig bliadhnaichean agus cha bhi sin ach 2% de bhuidseit a' Bhùird. Cha chanainn gu bheil sin cus airson a' cosg air rannsachadh de dh'iomadh seòrsa, agus airson dèanamh cinnteach gun tigeadh SFC a-steach leis an t-suim as motha a th' anns a' phròiseact.

Chan eil e idir a' ciallachadh gu bheil againn ri dad sam bith a thoirt air falbh bhon obair choimhearsnachd anns a bheil sinn an-sàs, agus chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil còir aig an taic seo a bhith ag adhbharachadh sgaradh nas moth.

'S ann mu dheidhinn co-obrachadh a tha e, agus airgead ùr à àite ùr a tharraing dhan Ghàidhlig. Bidh cothroman ann airson oileanaich PhD agus airson roinnean rannsachaidh nan oilthighean fhèin barrachd a dhèanamh a thaobh na Gàidhlig.

A Nèill: Tha Sabhal Mòr Ostaig a' fastadh neach an-dràsta a bhios os cionn cùisean. Carson nach sgrìobh thu thuice/thuige airson beachd a thoirt seachad air dè seòrsa rannsachaidh a bu chòir dhaibh a bhith a' dèanamh. Is cinnteach gu bheil beachdan aig an fheadhainn a tha a' cur Soillse air dòigh ach tha mi cinnteach, cuideachd, gun cuireadh iad fàilte air beachdan a bharrachd.

Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh an seo http://www.sfc.ac.uk/news_events_circul ... R1709.aspx

Agus tha mi cinnteach gun tig barrachd soilleireachaidh fhathast mar a thòisicheas cùisean ann an da-rìribh.