Page 1 of 1
Sìos le 'deisichean liath' na Gàidhlig?
Posted: Sat Jan 16, 2010 10:06 am
by Gràisg
An toir sinn na sràidean oirnn le Niall?
'Aintighearnas 'deisichean liath' na Gàidhlig' Tuilleadh air an Albannach
http://news.scotsman.com/gaelic/Aintigh ... 5987893.jp
Thuirt Art coir ge-tà: 'Chan eil deise liath agam a Nèill. Cha robh a-riamh!'

Posted: Sun Jan 17, 2010 9:20 am
by Seonaidh
Sin an fhìrinn, gun teagamh. Ach dè mu dheidhinn deise dhubh le srianag prìne, 's dòcha ad bhobhladair, sgàilean is màileid ghorid? Mar ann an dealbh Magritte? An ann ro-fhìor a tha Gàidhlig?
Rinn mi typo a' chiad turas - "Dàidhlig" - 's e cànan nan Dalek a th' ann...
Posted: Sun Jan 17, 2010 1:18 pm
by GunChleoc
Posted: Sun Jan 17, 2010 3:24 pm
by akerbeltz
LOL a Sheonaidh, tha thu fàs nas miosa, bu chòir dhut cumail air falbh on stuth saor agus an deagh stuth a cheannach :b
Posted: Sun Jan 17, 2010 5:52 pm
by Each
Chunnaic sinn an chiad camhanach dochasach na Ghaidhlig anns an beagan bliadhnachean a chaidh seachad.
Rinn an Rionnagean Gaidhlig deagh ardhartas air thaobh na ghaidhlig ach an duigh, uaireanan, fas mi beagan draghail mun cuisean. As deidh iomadach miosan gun ceannard ceart aig a Bhord, tha mi amharrasach gu bheil iad air caill.
Ged a tha iad a coiseachd a measg na trannsa hollyrood, aig an aon am,'S e astar mor a tha air fas eadar an choimhearsneachd Gaidhlig agus an deiseachain liath.
Tha proiseactan mor ann gun teagamh ach feumaidh mi aideachadh gu bheil e fas nas doirbhe an adhartas fhaicinn aig a bhonn. A dh'innse an fhirinn, uaireanan se mo bheachd gu bheil cuisean a fas nas miosa. Ged a tha BBC Alba againn, tha nas lugha na tachartean gaidhlig ann an duigh na bha ann da no tri bhliadhnachean air ais.
Posted: Sun Jan 17, 2010 6:00 pm
by Each
Tha mi direach air leughadh an pios anns an Herald...
Ugh... tha cuisean a choimhead nas miosa.
Nach robh duil aca air ruidagein mar seo nan robh iad cumail leis an aon lochan beag na dhaoine airson gach dhreuchd ghaidhlig.
Posted: Mon Jan 18, 2010 12:38 am
by ArtMacCarmaig
Mar a thuirt mi san Albannach, chan eil deise liath agam agus chan eil mi a' smaoineachadh orm fhìn mar 'suit'!
A thaobh an stuth a bh' anns a Sunday Herald an-diugh, Each, bha a h-uile dùil againn gun nochdadh sgeulachd den t-seòrsa seo aig àm air choireigin. Sin as coireach gu bheil gach co-dhùnadh anns a bheil compàirt aig ball clàraichte agus air am foillseachadh san dòigh seo airson a' leigeil le daoine sam bith leughadh mun deidhinn.
Tha Niall Beag ceart air streang eile - bhiodh e neònach buill a bhith air a' Bhòrd gun eòlas air leasachadh na Gàidhlig agus ceanglaichean ri buidhnean Gàidhlig. Ach mar a thuirt mi ri Paul Hutcheon - ged nach do dh'fhoillsich e seo - tha Audit Scotland a' sgrùdadh ar cunntasan agus ar siostaman agus thug iad dhuinn 'unqualified opinion' a tha a' ciallachadh gu bheil iad riaraichte leis a h-uile càil. Tha iad cuideachd a' frithealadh choinneamhan den chomataidh sgrùdaidh againn agus tha companaidh eile a' dèanamh in-sgrùdadh, no internal audit, a tha cuideachd riaraichte leis mar a tha cùisean.
Rud eile a tha cudromach gu bheil a' mhòr, mhòr chuid den £3m air a bheil Paul Hutcheon a-mach na phìos a' ruith thairis air trì bliadhna.
Tha sgeulachdan mar seo cumanta a-nise sna pàipearan agus chan eil seachdain a' dol seachad far nach eil againn ri ceistean agus ceistean a fhreagairt bho na meadhanan a tha a' tighinn thugainn bho Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.
Posted: Mon Jan 18, 2010 6:49 am
by GunChleoc
ArtMacCarmaig wrote:Tha Niall Beag ceart air streang eile - bhiodh e neònach buill a bhith air a' Bhòrd gun eòlas air leasachadh na Gàidhlig agus ceanglaichean ri buidhnean Gàidhlig.
'S e dìreach seo a bha mi a' smaoineachadh ach cha robh na faclan agam.
ArtMacCarmaig wrote:Tha sgeulachdan mar seo cumanta a-nise sna pàipearan agus chan eil seachdain a' dol seachad far nach eil againn ri ceistean agus ceistean a fhreagairt bho na meadhanan a tha a' tighinn thugainn bho Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.
Agus chan eil duine sam bith a-mach air cò mheud airgead a tha a leid de strì a chosg do luchd-pàigheadh nan cìsean
Tha saorsa an fhiosrachaidh uabhasach cudromach co-dhiù.
Posted: Mon Jan 18, 2010 10:38 am
by Gràisg
Furasta faicinn carson an Sunday Herald a’ dol fodha aig peilear a bheatha?
Mas e abhag beag gòrach Gallach a th’ann an Rosie, ’s e seann seann Rotweilleir crosta a th’anns a' Mhàiri ud. Dìreach san ann dòigh, tha ise a’ comhartaich air an àrd ùrlar mu dheidhinn Gàidhlig. ’S e populists a th’annta.
‘S fada bhon a leugh mi an Sunday Herald, mhothaich mi rudeigin o chionn ghreis ge-tà, tha àireamh leughadairean an Sunday Herald air a dhol fodha gu mòr, mòr agus pàipearan eile san fharsaingeachd cuideachd feumaidh mi aideachadh.. Seall seo:
3. The figures for ABC Scottish newspaper circulation for March 2009 were as follows (all percentage figures are on a year-on-year basis):
Daily Record-358,290 (down 8.55%)
The Herald-59,546 (down 10.70%)
The Scotsman-49,113 (down 7.56%)
Sunday Mail-443,242 (down 8.46%)
Sunday Post-361,371 (down 9.69%)
Scotland on Sunday-63,166 (down 11.81%)
Sunday Herald-41,046 (down 17.70%)
Bho:
http://www.parliament.the-stationery-of ... /40104.htm
A-nis carson a tha iad air thoisich air a h-uile pàipear eile leis a’ crìonadh a tha seo? A bheil iad feuchainn ri talamh a ghoid bhon Express agus Funday Times a-nis ann a bhith a’ toirt ionnsaigh air Gàidhlig
Ma tha na h-ùghdarrasan ionmhais, na Rotweillers agus an luchd-naidheachd craobh-marbh airson rudeigin a rannsachadh carson nach cuir ceist air Mgr Rosie mu dheidhinn an £16,000,000 a chaidh dhan t-sitig ann an Gallaibh:
http://www.pressandjournal.co.uk/Articl ... /?UserKey=
.
Posted: Mon Jan 18, 2010 12:05 pm
by Each
Tha mi fhathast taiceil agus taingeil gu bheil am Bord ann.
Ach, tha mi a radh gum biodh iad nas treasa an aghaidh na naimhaidean mura robh an astar eadar an obair aca agus an choimhearsneachd.
A dh'innse an fhirinn, nach robh teagamh againn uile mun rud no dha na thachairt anns am bliadhna a tha air a dol seachd ?
Airson a bith cothromach - tha am feisean a deanamh obair sgoinneal, tha iad aon na bhuidhean a tha cuir air doigh tachairtean gaidhlig son a chlann aig ire fileanta. (ged nach eil ach 4 feisean gaidhlig uile gu leir tron bhliadhna).
Chan eil moran eile ann - tha Sradagan a'feuchainn ri beagan a dheanamh, tha CNAG a cuir air tachart no dha tron bliadhna - ach airson a mhor cuid sann le parantan agus teagalachan nan aonar agus nan saor thoileach a tha an dleastanas son an ath ginealach gaidhlig a thogail.
Fhuair an oilthigh pailteas agus tuilleadh den airgead, deagh naidheachd, rinn iad math. Rannsachaidh iad am beatha as a chanan, anns an "ivory towers" aca.
Agus chan eil an "hoo-ha" mhor ris an Soidhneachain da channanaich nas fhearr, S'e blar samhlach a th'ann, chan e nas moth na sin.
'S e sios anns an t-sraid a tha an blar son cridhe nan ath ginealach. Agus, chan eil mi a bhruidhinn mun sraidean Steornabhaidh - Sann anns an sraidean Glaschu agus Inbhir Nis far a bheil gaidhlig a measgachadh ri cheile le beurla.
Feumaidh sinn deanamh barrachd cothroman airson canan a chleachdadh anns an t-saoghal dha-rireabh.
An rud na b'fhear (no nas dochasaiche co-dhui) a thachairt an uiridh -Sann le CNAG a bha e, se sreath coineamhan lion son gniomchas far a bheil uidh agus mian aca son barrachd gaidhlig a cleachdadh anns an doighean-obraich aca. (Cumaibh nur chuimhne - chan urrainn dhuinn uile aig obair aig a Bhord no SMO !)
Ach mar a s'abhaist, thainig e agus dh'falbh e mar an t-sneachda.
Sios aig a bonn, tha mi a choimhead air mo chloinne a fas nas motha - cha bith e ro fhada gus am fag iad a bhun-sgoil agus an aireannachd gaidhlig a th'aca - de an uair sin ?
Agus tha mi a chomhead suas aig na tha dol anns an mhullach - tha iad cho fad air falbh bhuamsa agus mo teagalach ris an speurairean.
Posted: Mon Jan 18, 2010 8:38 pm
by ArtMacCarmaig
Each: Taing airson nam faclan mu na fèisean, ach tha mi uabhasach duilich a chluinntinn gu bheil sibh den bheachd gu bheil buidhnean, gu h-àraidh Bòrd na Gàidhlig, fad air falbh bhuaibh.
Cuimhnichibh gur e buidheann beag a th' anns a' Bhòrd ged a tha sinn air an àireamh de luchd-obrach a leudachadh. Ach tha sinn a' maoineachadh buidhnean airson obair a dheànamh sna coimhearsnachdan agus airson ar riochdachadh.
Dè mholadh sibh, mata, airson taic a chumail ri ur leithid?
Posted: Mon Jan 18, 2010 11:02 pm
by Each
An drasda, tha mi faireachdainn mar nach eil cail co-seasmachd anns an t-saoghal gahidhlig.
Chaidh an Gaidheal Ur fodha,
Caite an deach Foram Gaidhlig inbhir Nis ?
Tha iomadh larach linn ann nach eil ag urachadh - m.e. - dorus-ealain.com
agus iomadach na iomairtean ur a tighinn 's a falbh.
Tha an doigh beatha aig a choimhearsneachd ag atharrachadh -an t saoghal tradiseanta - (gaidhlig ri taobh an teine agus nabaidh Gaidhlig timicheall oirnn) - fad air falbh bhuam anns a bhaile mor.
De ni Sinn ?
Uile - tha seo direach beagan smaointean as deidh greiseag, bith e gu math fursada dhuibh ga tarraing as a cheile ma tha sibh ag iarraidh.
Toisichibh leis a chlann....
De an fein-eolas a th'aca ris an canan - de an rudan as fhearr leotha anns an fharsaingeach - (beurla agus gaidhlig).
An uairsin toisichibh arraineachd gaidhlig a thogail timicheall.
Tha feum agaibh air rudegein mar sradagan a leasachadh gu ire profeasanta far am bith cothroman cunbhalach son a chlann a cruineachadh ri cheile. Agus tachairtean eadar-dhealaichte son gach aois bho 5-18.
S'docha gun obraich e nan robh sgioban eadar-dhealachte le sgileil sonraichte (sreapadh, rothair beinne, ball coise/ioman, ealain, computeran) a dol timicheall gach sgire gu cunbhalach ?
Feumaidh sibh tarraing a steach a choimhearsneachd air fad - tha talant mhor a measg na h uile seorsa - cuir seachdan - ealain - msaa. ach an drasda tha iad falaichte. Co aig a bheil fios co iad ?
Chan eil fios aca fhein gu bheil pairt aca ri gabhail anns an iomart.
An drasda tha sinn uile a chuir aig an oir, choimhead a steach aig na tha tachairt ann an aite na pairt a gabhail.!
de mu gameachain computar gaidhlig - no iris chlann seachdainnail ?
As chudromaiche buileach - feumaidh iad a bith ga leantainn - fad an t-suibhail. Na bith rud a thoisicheadh am bliadhna agus a cuir stad air an ath-bhliadhna.
Cleachadh gaidhlig san oifis....
Dha no tri bhliadhnachain air ais chuir mi steach moladh son lion gniomhachas a steidheachadh. B'e seo cothrom son gniomhachasan a tha deonach a ghaidlig a cleachdadh anns an cuid obair aca a chuir fios gu gniomhachasan eile.
Nuair a thoisich CNAG leis an sreath choineamhan an uiridh, smaoin mi gun robh seo a dol a thachairt, ach cha do thachairt.
Chan eil ach mise a bruidheann gaidhlig anns an oifis far a bheil mi ach uaireanan a tha cothrom agam bruidhuin ri dhaoine ann an oifisean eile mun cuisean obair - mar sin se cothrom cairdeas obraich tron meadhon Gaidhlig a thogail (ann an aite na direach gaidhlig a cleachdadh air soidhnichean).