Màrtainn Dòmhnallach a-mach air Mgr Rosie agus a leithid

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Màrtainn Dòmhnallach a-mach air Mgr Rosie agus a leithid

Unread post by Gràisg »

'De am bigeil a tha siod a tha mi a’ cluinntinn an aiteigin air faire fad as? Ach chan eil ann ach abhagan beaga Ghallaibh is iad a’ sgriachail a’ fiachainn ri gleus a chur air an t-seann duan aca.

Chan eil sinne ag iarraidh Gaidhlig, tha iad ag radha, chan i a’ chanain againn. Is cha bu choir a bhith a’ cosg airgiod air foghlaim Gaidhlig aig am far am bheil a h-uile sgilling eiginneach.

Bheil iad a’ tuigsinn idir gum bheil an t-airgiod a theid a chosg air foghlam Gaidhlig a thoirt dhan chlann a tha ga iarraidh, a ciallachadh nach leigear a leas airgiod a sporan na Beurla chosg orra? Neo am bheil de thoisinn aca a thuigeas sin? Ach, fagamaid a’ comhartaich ri cheile iad is na tugamaid cus feart orra.'

Nach eil sin na shàr phìos sgrìobhaidh? :moladh:
'S ann air a' P&J a tha Màrtainn a sgriobhadh a h-uile dàrna seachdainn

http://www.pressandjournal.co.uk/Articl ... z0coeu7Vvb
Post Reply