Ràdh na Seachdaine
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Ràdh na Seachdaine
Tha mi an dùil abairt shònraichte Ghàidhlig fhoillseachadh an seo gach seachdain.
I intend to publish a particularly Gaelic expression on here each week.
Bheir mi dhuibh eisimpleirean de chleachdadh cuideachd.
I'll give you examples of its use too.
Mar sin dheth, a' chiad tè.
The first one is -
Chan ionann gealladh is coileanadh.
MÌNEACHADH/EXPLANATION
Tha seo ag ràdh gu sìmplidh nach eil gealladh is coileanadh san aon rud idir. Mar sin, ged a gheallas neach nitheigin, chan eil e a' ciallachadh mòran gus am bi an gealladh air a thoirt gu buil. *gus an dèan an neach an rud a chaidh a ghealladh.
Chan ionann X agus Y = Chan eil X agus Y co-ionann. = Chan eil X san aon rud ri Y, chan eil Y san aon rud ri X.
gealladh = seòrsa de bhòid a chuireas tu an cèill, ach nach eil mar as trice cho cudromach ri mionnan no bòid, ged a dh'fhaodadh e bhith.
a' coileanadh = a' toirt rudeigin gu buil cheart; a' dèanamh rudeigin
RÀDH BEURLA AS COLTAICHE (a thaobh brìgh) RIS / MOST SIMILAR ENGLISH EXPRESSION TO IT (in meaning)
Promises are easy to make.
FRANGAIS - "Les promesses n'engagent que ceux qui les croient"

Last edited by An Gobaire on Sun Jan 17, 2010 6:49 pm, edited 2 times in total.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Saoilidh mi gum biodh e glè mhath, nan toireadh daoine na ràdhan as aithne dhaibh ann an cànanan eile a tha co-ionann ri gach ràdh Gàidhlig a chuireas mi a-steach gach seachdain.
Chì sibh gu bheil mi air an ràdh coltach a chur ris a' bhrath seo ann am Frangais 's ann am Beurla, mar sin bhiodh e glè mhath cànanan eile fhaighinn leithid Gearmailtis, Spàintis 's mar sin sìos is suas!
Chì sibh gu bheil mi air an ràdh coltach a chur ris a' bhrath seo ann am Frangais 's ann am Beurla, mar sin bhiodh e glè mhath cànanan eile fhaighinn leithid Gearmailtis, Spàintis 's mar sin sìos is suas!
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Chan ann an aon rud gu tur, ach coltach ris sa Ghearmailtis:
Es ist nicht alles Gold, was glänzt
Chan e òr a th' anns a h-uile rud a bhoillsgeadh. Tha seo a' ciallachadh cuideachd nach eil a h-uile rud cho math mar a tha e coltach an toiseach.
Es ist nicht alles Gold, was glänzt
Chan e òr a th' anns a h-uile rud a bhoillsgeadh. Tha seo a' ciallachadh cuideachd nach eil a h-uile rud cho math mar a tha e coltach an toiseach.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Tha Worten müssen Taten folgen nas dlùithe air, "feumaidh gnìomhan leantainn ri faclan".
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Chan eil sin cho coltach ris an abairt Ghàidhlig, ach taing co-dhiù.GunChleoc wrote:Chan ann an aon rud gu tur, ach coltach ris sa Ghearmailtis:
Es ist nicht alles Gold, was glänzt
Chan e òr a th' anns a h-uile rud a bhoillsgeadh. Tha seo a' ciallachadh cuideachd nach eil a h-uile rud cho math mar a tha e coltach an toiseach.
'S e "'S iomadh rud buidhe nach òr" a' Ghàidhlig a tha air "Es ist nicht alles Gold, was glanzt".
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Mòran taing, cuiridh mi sin ris a'bhrath seo shuas. Ach, nach eil seo nas coltaiche ri "'S e am beul a labhras, ach an gnìomh a dhearbhas" ?akerbeltz wrote:Tha Worten müssen Taten folgen nas dlùithe air, "feumaidh gnìomhan leantainn ri faclan".
*Actions speak louder than words sa chànan eile.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Tha sin gu tur nas fhearrakerbeltz wrote:Tha Worten müssen Taten folgen nas dlùithe air, "feumaidh gnìomhan leantainn ri faclan".
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Rianaire
- Posts: 1432
- Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
- Language Level: Fluent (non-native)
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Sruighlea, Alba
- Contact: