Page 1 of 1

Càirtean-puist

Posted: Sun Dec 16, 2007 6:55 pm
by GunChleoc
Tha am buth air loidhne agam deiseil mu dheireadh thall. 'S e mòran obair a bh' ann. :mc:
My online shop is finally ready. It was a lot of work.

Seo ceangal dhuibh
Here's a link
http://www.noclockthing.de/zencart/

Chan eil Gàidhlig ann air an làrach-lìn seo gu mì-fhortanach. Tha mo cheann goirt fhathast air sgàth 's gun robh agam ris a h-uile rud eadar-theangachadh gu Beurla, gu h-àraidh an duilleag seo. Abair cainnt neònach a th' ann :craicte:
Unfortunately there's no Gaelic on the page. My head still hurts from tr*nsl*t*ng it into English, especially this page. What a strange language

Mìle neach-lagha ceangailte ri chèile aig bonn a' chuan, dè th' ann? - Seadh, tòiseachadh fior-mhath!
What's a thousand lawyers chained to each other on the bottom of the sea? - Right, an excellent beginning!


Tha ainmean-àite 'sa Ghàidhlig ann air na càirtean-puist le dealbhan a thug mi 'sa Ghaidhealtachd fhèin co-dhiù. :D
There are Gaelic placenames on the postcards themselves though, on the ones I took in the Highlands.

Nise, tha glainne uisge-beatha mòr a dhìth orm :ub:
Now I need a big glass of whisky

Image

Posted: Sun Dec 16, 2007 8:11 pm
by Coinneach Cìr
Rinn thu obair mhòr!! Is caomh leam na cairtean. Tha mi 'n dòchas gum faigh thu air an t-uabhas a reic.

You've done lots of work!! I like the cards. I hope you manage to sell many of them.

Posted: Sun Dec 16, 2007 9:48 pm
by GunChleoc
Tapadh leat, a Choinnich! :flur:

Tha mi ag òl glainne Classic of Islay an-dràsda :D

Posted: Sun Dec 16, 2007 10:43 pm
by Coinneach Cìr
GunChleoc wrote:Tha mi ag òl glainne Classic of Islay an-dràsda :D
Tha mi 'n dòchas gun còrd i riut!! :socair:

Posted: Mon Dec 17, 2007 8:24 am
by GunChleoc
Chòrd. 'S e an t-uisge-beatha is fhèarr leam a th' ann :D

Posted: Mon Dec 17, 2007 11:51 pm
by Coinneach Cìr
Chan eil mi cinnteach dè an uisge-beatha is fheàrr leam. Fhuair mi botail "sherry casked" à Ìle an-uiridh is chòrd e rium glan.

Posted: Tue Dec 18, 2007 9:18 am
by GunChleoc
Tha e blasda gun teagamh :D