'S e seo pìos à òraid a chaidh a liubhairt ann an 1908. THog mi à seann iris Ghairm e. Tha e bruidhinn ris na Gàidheil, 's gam faochnadh (a' cur ìmpidh orra) gun a bhith a' leagail seachad na Gàidhlig."Cuimhnich orra-san a thig nad dhèidh is dèan buil cheart de na fhuair thu, oir ma leigeas tu a dholaidh an oighreachd luachmhor seo, èiridh ginealach as do dhèidh a mhallaicheas tu airson mar a chuir thu a dhìth oighreachd 'Chlann nan Gàidheal'."
Dè ur barailean air an earrann seo? A bheil e brosnachail nur barail-sa? No an e rabhadh a th' ann? 'S toil leam fhìn am facal "Oighreachd" ga cleachdadh air an dòigh seo. Tha e nochdadh brìgh eile air an fhacail sin a tha suathadh ri brìgh an fhacail "dùthchas".