Page 1 of 1
Amasan foghlaim cha-mhòr do-ruigsinneach
Posted: Tue Jan 26, 2010 11:13 pm
by Gràisg
'Tha coltas ann gum bi e cha-mhòr do-dhèanta do Bhòrd na Gàidhlig na targaidean aca airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre na bun-sgoile a choileanadh'...
'Tha Bòrd na Gàidhlig ag ràdh gun robh am Plana Nàiseanta subailte bho thùs, agus gun do chuir iad targaidean àrda romhpa fhèin a dh'aona-ghnothach.'
tuilleadh an seo:
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... bnag.shtml
Posted: Wed Jan 27, 2010 3:32 am
by Tearlach61
Chuala mi an naidheachd seo air RNG. An fhìrinn, 's e fìor dhrochd naicheachd a th' ann. Dhomh-sa, tha iad a' leigail orra gu bheil iad a' sàbhaileachd na Gàidhlig ach a-rèir nan àireamhan seo, chan eil iad a' cur dàil fiù s còig mionaidean air bàs na Gàidhlig.
Dè feum ann a bhith stèidheachadh amasan mìorbhaileach mur a stèidhich thu na ceumanan a 's fheudar airson an cur an gnìomh?
Chuck
Posted: Wed Jan 27, 2010 11:45 am
by ArtMacCarmaig
Tha mise gu math dòchasach, a Theàrlaich, gun ruig sinn na h-àireamhan seo. Anns an dà bhliadhna mu dheireadh tha am fàs air a bhith aig rudiegin coltach ri 14% bliadhna an dèidh bliadhna, leis a' mhòr chuid ann an Glaschu. Tha feum againn sin àrdachadh gu rudeigin coltach ri 23% gach bliadhna.
Le sgoiltean Gàidhlig ann am Port Rìgh agus An Gearasdan, le barrachd a dhol dhan ionad Gàidhlig an Dùn Èideann, agus le dùil gun coilion Comhairle nan Eilean Siar na tha iad air gealltainn sa phlana Gàidhlig aca, bhithinn dòchasach gun gabhadh sin a dhèanamh.
'S ann mu dheidhinn àireamhan àrdachadh a tha am Plana Gnìomh a chuir Bòrd na Gàidhlig dhan riaghaltas ron Nollaig
http://www.bord-na-gaidhlig.org.uk/Defa ... ang-GD.htm
Ma gheibh sinn aonta ris a h-uile càil tha gnìomhan na lùib a bhios a' toirt taic dha pàrantan agus foghlam ro-sgoile - dà rud a bhios deatamach ann a bhith ag àrdachadh àireamhan sgoilearan sna bun-sgoiltean.
Posted: Thu Jan 28, 2010 11:03 am
by Each
Tha mi duilich ach chan eil an Plana ri fhaotainn air an Larach Linn a Bhuird.
Direach fios-naidheachd.
Posted: Thu Jan 28, 2010 3:25 pm
by ArtMacCarmaig
Chan eil agus cha tuirt mi gun robh, Each. Cha bhi am plana air fhoillseachadh gus am faigh sinn aonta bhon Mhinistear.
Posted: Thu Jan 28, 2010 4:05 pm
by Tearlach61
TL airson sin M. McCormaig. Theab mi mo mhisneachd a chall nuair a chuala mi sin.